Iomairt an aghaidh "cìs an t-seòmair-chadail"
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' strì airson faochadh fhaighinn bho bhuaidh "cìs an t-seòmar-chadail".
Fon phoileasaidh, thig lùghdachadh air na gheibh daoine ann an sochairean taigheadais ma tha seòmraichean-cadail nan taighean nach eil air an cur gu feum.
Tha dragh air Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà gu bheil am poileasaidh a' peanasachadh dhaoine ann an sgìrean iomallach far nach eil cothrom ann gluasad gu taighean nas lugha.
Tha iad ag ràdh gu bheil barrachd dhen luchd-màl aca air a dhol ann am fiachan bho thàinig a' chìs a-steach.
Tha iad a-nis air sgrìobhadh gu buill-phàrlamaid ann an Westminster ag argamaid gum bu choìr coimhearsnachdan anns a bheil nas lugha na 3000 a' fuireach faochdadh fhaighinn bhon chìs.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 31 An t-Iuchar 2013
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh