Nurs "Parkinson's" ga fhastadh anns na h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh

Bidh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' cur sanasan a-mach a dh'aithghearr airson nurs a chuidicheas daoine air a bheil an tinneas Parkinson's.

Tha an tinneas, a bheir buaidh air an eanchainn, nas cumanta a-measg dhaoine a tha suas ann am bliadhnaichean, agus cha ghabh a leigheas.

Tha 76 duine air a bheil Parkinson's a' fuireach anns na h-Eileanan Siar.

Thuirt Àrd-oifigear a' Bhùird Shlàinte, Gòrdan MacSheumais, gu bheil dùil ri àrdachadh 26.7% san àireamh dhaoine air a bheil an tinneas ro 2020.

Taic sònraichte

Thuirt e gu bheil fianais ann gum bi euslaintich a gheibh cuideachadh bho luchd-obrach le eòlas sònraichte a' dèanamh nas fheàrr na feadhainn nach fhaigh an leithid de thaic.

"Bheir an nurs comhairle do dh'euslaintich mu na drugaichean a ghabhas iad, agus aithnichidh iad nuair a tha tuilleadh taic a dhìth orra", thuirt e.

Fhuair am Bòrd Slàinte airgead bhon bhuidhinn Parkinson's UK a mhaoinicheas an dreuchd ur airson dà bhliadhna, leis a' Bhòrd fhèin ga maoineachadh às dèidh sin.

Tha dùil gun cum iad agallamhan airson an nurs ùir san Damhair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh