Fearg mu dhùnadh an A87

  • Air fhoillseachadh
A87Tùs an deilbh, Liz 'n' Jim / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha comhairlichean den bheachd nach bu chòir dhan rathad a bhith air a dhùnadh cho trath sa 8:00f idir.

Tha comhairlichean an Eilein Sgitheanaich air fàgail air Còmhdhail na h-Alba gu bheil iad a' cur chosgaisean air thoiseach air feumalachdan a' phobail.

Tha na comhairlichean feargach gun dùin prìomh rathad an eilein - an A87 - eadar 8:00f is 06:00m airson leigeil le obair-càraidh a dhol air adhart.

Bidh an obair ann eadar an 24mh agus an 30mh den t-Sultain agus bidh siostam convoy ann tron là (eadar 07:00m is 7:00f) eadar an 3mh agus an 11mh den Damhair.

'S ann air pìos den rathad eadar Sgonnsar agus ceann Loch Aineoirt a bhios an obair.

Feum

Thuirt fear de chomhairlichean Eilean a' Cheò, Hamish Friseal, gu bheilear a' gabhail ris gu bheil feum air an obair, ach nach eil na h-uairean seo freagarrach idir.

"Tha an rathad fhathast gu math trang anns a' mhìos a tha seo le daoine a' tighinn a choimhead air an Eilean Sgitheanach," thuirt e.

"S e am prìomh rathad a th' ann agus chan eil prìomh rathad eile ann an Alba, cho fad 's a tha fios agamsa, a tha a' dùnadh aig ochd a dh'oidhche airson obair tron oidhche.

"Tha iad an còmhnaidh a' dùnadh aig deich an àite ochd," thuirt e.

A rèir Mhgr Fhriseil, 's e airgead seach feumalachdan an t-sluaigh a bu choireach.

Taghadh

"Tha fios againne gur e an cùmhnantaiche fhèin a tha a' taghadh nam pìosan den rathad air an tèid obair a dhèanamh agus chan ann aig deireadh an là airson maith 's dòcha luchd-siubhail a tha seo ach dìreach son maith nan cùmhnantaichean fhèin."

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gur ann an urra ris a' bhuidhinn BEAR Scotland a tha dleastanas son dùnadh an rathaid.

Chaidh BEAR às àicheadh gun robh adhbharan coimearsalata idir air cùlaibh a' cho-dhùnaidh aca.

Thuirt iad gun dùin an rathad aig 8f airson leigeil leis an obair a nì nas motha de dh'fhuaim a dhol air adhart nas traithe seach nas anmoiche air an oidhche.

Thuirt iad cuideachd gum bi an obair deiseil na bu thruaithe ma thòisicheas iad aig 8 seach 10.

Thuirt BEAR roimhe gun robh iad air an obair a chur air dòigh gus nach toireadh i cus buaidh air luchd-dràibhidh.

Thuirt iad gun tèid an obair a dhèanamh às dèidh mhìosan an t-Samhraidh agus gu bheil iad air aire a thoirt do chlàr-ama aiseag Ùige.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh