Còmhdhail ga deasbad aig Holyrood
- Published
Tha riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar aig Pàrlamaid na h-Alba is gnothaichean còmhdhail anns na h-Eileanan gan deasbad ann an Dùn Èideann.
Am measg eile, bidh iad ag iomairt airson faraidhean aiseig RET a stèidheachadh às ùr do luchd-bathair.
Chaidh an gnothach a chur mu choinneamh Comataidh nan Ath-chuingean aig Holyrood le Buidheann Malairt Innse Gall.
Tha iadsan air a bhith ag iomairt gu làidir an aghaidh a' cho-dhùnaidh bhon Riaghaltas gus RET a thoirt bho chompanaidhean-bathair.
Bheir ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, agus am Fear-Gairm, Tormod Dòmhnallach, fianais seachad dhan Chomataidh.
Thuirt Mgr Caimbeul gur e buile mòr a bh' ann dha na h-Eileanan nuair a chaidh am poileasaidh atharrachadh, is thuirt e gu bheil Comhairle nan Eilean Siar gu h-aona-ghuthach den bheachd gum bu chòir RET a stèidheachadh às ùr do luchd-bathair.
Seirbheisean-adhair
Tha Comataidh nan Ath-chuingean cuideachd a' beachdachadh air ath-chuinge bho dhithis eile de chomhairlichean nan Eilean, Rae MacChoinnich agus Gòrdan Moireach.
Chuir iadsan ath-chuinge air adhart nas tràithe air a' bhliadhna a dh'iarraidh air an Riaghaltas beachdachadh às ùr air a' phoileasaidh aca mu sheirbheisean-adhair riatanach eadar eileanan na h-Alba.
Tha dragh air na comhairlichean mu cho-dhùnadh CNES an t-seirbheis-adhair eadar Barraigh is Beinn nam Fadhla a ghearradh, is mar a chaidh lùghdachadh a thoirt air an t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh.
Tha iad ag ràdh gu bheil na gearraidhean sin air bualadh gu dona air a' choimhearsnachd.
Thèid riochdairean na Comhairle a cheasnachadh mun ghnothach le buill na Comataidh.
Wi-Fi
Gabhaidh a' Chomataidh cuideachd fianais air ath-chuinge bho Chomhairle Òigridh Bharraigh air seirbheisean Wi-Fi air aiseagan Chal Mac.
Dh'iarr a' bhuidheann gum bi Wi-Fi ri fhaighinn air a h-uile aiseag aig Cal Mac.
Bidh riochdairean bho Chal Mac agus bhon bhuidhinn NorthLink an làthair gus fianais a thoirt dhan Chomataidh.