Dòchas mu sheirbheisean adhair
- Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum biodh iad deònach coimhead às ùr air seirbheisean adhair eadar Barraigh, Uibhist agus Steòrnabhagh - ma 's e agus gum biodh fianais ann gu bheil gearraidhean anns na seirbheisean a' toirt droch bhuaidh air coimhearsnachdan agus euslaintich.
Nochd ceannard agus fear-gairm na comhairle, Aonghas Caimbeul agus Tormod Dòmhnallach, air beulaibh Chomataidh nan Ath-Chuingean aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.
Chuir dithis eile de chomhairlichean nan Eilean, Rae MacChoinnich agus Gòrdan Moireach, ath-chuinge air adhart nas tràithe air a' bhliadhna a dh'iarraidh air an Riaghaltas beachdachadh às ùr air a' phoileasaidh aca mu sheirbheisean-adhair riatanach eadar eileanan na h-Alba.
Tha dragh air na comhairlichean mu cho-dhùnadh CNES an t-seirbheis adhair eadar Barraigh is Beinn nam Fadhla a ghearradh, is mar a chaidh lùghdachadh a thoirt air an t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh.
Farsaing
Às dèidh dha nochdadh air beulaibh na comataidh ann an Dùn Èideann, thuirt Tormod Dòmhnallach gun do rinn a' chomhairle co-chomhairlicheadh fharsaing air feadh nan Eilean Siar a thaobh dè na gearraidhean a dhèanadh iad.
Thuirt e nach do nochd na seirbheisean adhair mar phrìomhachas aig daoine anns a' cho-chomhairleachadh, ach gu bheil a' chomhairle deònach beachdachadh orra a-rithist.
"Tha sinn mothachail agus tha sinn a' cluinntinn gu bheil gearainean ann gu bheil droch bhuaidh aig seo air euslaintich", thuirt Mgr Dòmhnallach.
"Ma tha fianais aig daoine gu bheil fìor dhroch bhuaidh aige, bheireadh iad an fhianais sin fa chomhair na comhairle agus bheir sinn sùil air a' chuspair sin a-rithist.
"Chan eil sin a' gealltainn gun tig atharrachadh, ach bheir sinn sùil gu math mionaideach air", thuirt e.
Chaidh riochdairean nan Eilean Siar a cheasnachadh cuideachd mu sgeama RET do chompanaidhean-bathair.
Chaidh an gnothach a chur mu choinneamh Chomataidh nan Ath-chuingean le Buidheann Malairt Innse Gall.
Tha iadsan air a bhith ag iomairt gu làidir an aghaidh a' cho-dhùnaidh bhon Riaghaltas gus RET a thoirt air falbh bho chompanaidhean-bathair.
Sàbhalaidhean
A' bruidhinn ris a' chomataidh Dimàirt, thuirt riochdairean nan Eilean gun robh aithisg a dh'iarr an Riaghaltas fhèin air sealltainn gun do chuir companaidhean-bathair nan Eilean sàbhalaidhean a rinn iad tro RET air adhart do luchd-ceannach.
"Tha an aithisg sin cudromach dha-rìribh agus chuir e iognadh oirnn nach robh iasdan mar chomataidh air sùil a thoirt air an aithisg gu ruige seo", thuirt Tormod Dòmhnallach.
Thuirt e gu bheil a' chomataidh a-nise a' dol a mheòrachadh air an aithisg, agus gun lean iomairt CNES gus RET a thilleadh do luchd-bathair.
"Mar chomhairle tha sinn aonaichte ann a bhith ag ràdh gur e fìor rud math a bh' ann an RET nuair a thàinig e a-steach agus 's e bristeadh-dùil mòr a bh' ann nuair a chaidh a thoirt air falbh bhon luchd-giulain bathair.
"Lùigidh sinn mar chomhairle cuideachd gun tèid sin a chur air ais mar a bha e cheanna, agus bhiodh sinn an uairsin a' faicinn buannachd mhòir a' tighinn dha na h-eileanan a thaobh lùghdachadh anns na cosgaisean, no co-dhiù nach biodh na cosgaisean a' dol an àirde cho aithghearr 's a bhiodh iad mura biodh RET ann", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 10 An Giblean 2013
- 29 An Giblean 2013