Coinneamh ga h-iarraidh leis an MOD

Cruinn-ghaoithe
Image caption Bidh an MOD a' cur an aghaidh iarrtasan airson cruinn-ghaoithe ann an Uibhist air sgàth na buaidh air radar

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh coinneimh le Ministrealachd an Dìon 's iad a' gearain gu bheil a' bhuidheann a' cur an aghaidh gach iarrtas airson cruinn-ghaoithe a thogail ann an Uibhist.

Tha dragh air an MOD mun bhuaidh a bheireadh na cruinn air na siostaman radair aca.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh ge-tà gur ann a tha eaconomaidh nan eilean a' fulaing air sgàth seasamh an MOD.

"Bacadh"

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist, Raghnall MacFhionghain, gum feum iad soilleireachadh bhon MOD, dè dìreach an trioblaid a th' ann.

"Tha sinn a' feuchainn rudan a dhèanamh a nì cuideachadh dhan na h-eileanan aca 's tha iad-san nar n' aghaidh fad an t-siubhail", thuirt e.

Thuirt e gu bheil coltas ann gum feum leasachadh a bhith air a dhèanamh air an radar fhèin mura h-eil e comasach air eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar itealain agus cruinn-ghaoithe.

Cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar Dimàirt gun coimhead ri tagraidhean dealbhachaidh airson cruinn-ghaoithe eile ann an Uibhist gus am faigh iad freagairt bhon MOD.

Dh'iarr BBC Alba beachd bhon MOD agus thuirt iad gun tilleadh iad thugainn Diciadainn.

Thuirt iad roimhe gum biodh iad a' coimhead ri gach iarrtas airson crann-gaoithe fa-leth - a-rèir 's càite am biodh iad air an suidheachadh agus cho àrd 's a bhiodh iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile