Dragh mun trafaic air Drochaid Cheasaig

Drochaid Cheasaig
Image caption Bha dàil leth uair a thìde air cuid de dhràibhearan ron gheam Disathairne

Tha Caley Thistle Inbhir Nis air iarraidh air a' bhuidhinn Bear Scotland, air a bheil uallach nan rathaidean, coimhead ri mar a ghabhas piseach a thoirt air an astar aig am bi carbadan a' siubhail thar Drochaid Cheasaig nuair a tha an sgioba a' cluich aig an taigh.

Bha sreath charbadan mu dhà mhìle a dh'fhaid a' dol a dh'ionnsaigh na drochaid ron gheam aig ICT an aghaidh Hearts Disathairne.

Tha manaidsear an stèidium, Peadar MacCalluim ag ràdh gur ann a tha na solais a chaidh a chuir an sàs aig taobh deas na drochaid air cùisean a dhèanamh nas duilghe dha luchd-leantainn a' bhuill-choise.

Fuasgladh

Thuirt e gu robh iad ag obair le Bear Scotland ge-tà 's iad an dòchas fuasgladh fhaighinn ron gheam aca aig an taigh an aghaidh Hibs aig deireadh na mìos.

Thuirt Bear Scotland gu bheil iad air a bhith a' cumail sùil air na solais trafaic aig cearcall-rathaid an Longman bho chaidh an cuir an sàs agus, anns a' chumantas, gu bheil iad ag obrachadh gu math.

Bha iad mothachail, thuirt iad, air an trioblaid a dh'èirich Disathairne agus thuirt iad gum biodh iad ag obair ann an co-bhuinn le diofar bhuidhnean, leithid Polais na h-Alba, gus nach tachradh an aon rud a-rithist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo