Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

GMB

Tha am Pàrtaidh Làbarach a' beachdachadh air an naidheachd gu bheil an t-aonadh GMB a' gearradh an taic airgid dhan phàrtaidh bho £1.2m gu dìreach £150,000. Tha seo an dèidh do cheannard nan Làbarach, Ed Miliband, innse gu bheil esan son cuir às dhan t-siostam far nach eil roghainn aig cuid de bhuill aonaidh ach pàigheadh son ballrachd sa Phàrtaidh Làbarach. Tha an GMB a' beachdachadh cuideachd air gearradh san taic airgid eile dhan phàrtaidh, agus a-measg sin cuir às gu lèir do Stòras an Taghaidh Choitcheann.

Siria

Tha an Ceann-suidhe Obama anns an t-Suain agus e air a shlighe gu coinneamh dhùthchannan an G20 ann an St Petersburg anns an Ruis. Tha dùil gun cuir e seachad a' mhòr chuid den dà là a bhios e ann an Stockholm a' deasbad na h-èiginn ann an Siria. Tha coltas anns na Stàitean Aonaichte gu bheil an Ceann-suidhe a' faighinn an taic a tha a dhìth air bho Phoblachdaich agus Deamocrataich son ionnsaigh air Siria far a bheil Riaghaltas a' Chinn-suidhe Assad fo amharas gun do chleachd iad armachd cheimiceach.

Cosnadh

Tha an ìre mhath an treas cuid de dhachannan ann an Glaschu anns nach eil duine idir ag obair. Tha am fiosrachadh bho Oifis an Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil 32% de dhachannan Ghlaschu gun duine a' cosnadh agus tha sin a' cur Ghlaschu an àite Liverpool mar bhaile aig a bheil an àireamh 's miosa ann am Breatainn.

Castro

Chaidh duine a chum triùir bhoireannach glaiste na dhachaigh ann an Cleveland an Ohio airson faisg air deich bliadhna fhaighinn marbh 's e an crochadh anns a' phrìosan. Chaidh Ariel Castro a chuir dhan phrìosan air a' mhìos seo chaidh fo bhinn beatha gun parole.

Heileacoptair

Thèid fiosrachadh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba feasgar mun tubaist heileacoptair Super Puma far Shealtainn bho chionn faisg air cealla-deug anns an deach ceathrar a mharbhadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba an-dè gun cuidich iad le rannsachadh an taobh an staigh a' ghnìomhachais ach gum fàg iad co-dhùnadh mu rannsachadh nas fharsainge gus am bi fios ann le cinnt air adhbhar na tubaist.

Taisbeanadh

Tha taisbeanadh ann an Inbhir Nis an-diugh air plana son Raon Ghoilf Thòrr Bheathain agus Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh cho-luadar phoblaich fad trì mìosan air a' chùis. Thèid pàirt den raon a ghluasad son àite a dhèanamh do sheach-rathad an iar Inbhir Nis. Chaidh Comhairle na Gàidhealtachd às àicheadh an t-seachdainn seo gu bheil cosgais a' phròiseact sin air èirigh gu còrr 's £40m.