Obair-ghrèise

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Clàr-reachdais an Riaghaltais
  • spin doctorn dotair-grèisidh fir (Faclair na Pàrlamaid)

Chaidh grèis-bhrat ùr a thaisbeanadh ann an Talla Mòr na Pàrlamaid Albannaich a' sealltainn eachdraidh na dùthcha.

'S fhiach fhaicinn ma bhios sibh ann an Dùn Èideann.

Tha sgeulachd na h-Alba bho linn nan clachan fighte a-steach dha, tro na Lochlannaich agus na Seumasaich gu Dolaidh a' Chaora agus Anndra Moireach.

An ath-bhliadhna, bidh aig cuideigin, shaoileadh tu, ri dealbh ùr a chur ris, agus Albannaich a' gabhail na roghainne as motha aca o chionn iomadh bliadhna.

Bidh toradh an reifrinn air neo-eisimeileachd gu mòr an crochadh air a' bheachd a tha aig daoine mun eachdraidh sin.

Ach gu tric, chan e an sgeulachd fhèin a bhios a' tarraing an aire, ach a' ghrèis a tha ga cur oirre.

"Fo bhlàth"

Anns an òraid aige a' foillseachadh clàr-reachdais an Riaghaltais Albannaich, dhealbh Ailig Salmond ìomhaigh de dh'Alba fo bhlàth o thill a' phàrlamaid gu Dùn Èideann ann an 1999.

Às dèidh an sgrios a rinneadh air an NHS mu dheas, dh'fhaighnich e, an robh duine sam bith airson 's gun deigheadh seirbhis slàinte na h-Alba fo smachd Westminster a-rithist?

Agus, le daoine a' fulang mar thoradh air ath-chruthachadh nan sochairean sòisealta, an robh fear no tè ann fhathast a b' fheàrr leotha an siostam fhàgail fo smachd Lunnainn?

Bho a h-àite suidhe ri thaobh, dh'èigh Nicola Sturgeon gun robh a leithid ann agus iad nan suidhe air beingean nam pàrtaidhean eile.

Ach 's e a' ghrèis a bu toil le Mgr Salmond cur air an sgeulachd gur e rud follaiseach, do-sheachanta a tha ann neo-eimeileachd, nach bhòtadh duine na h-aghaidh às dèidh dha an argamaid cheart a chluinntinn.

'S e obair nan dùbhlanach an obair-ghrèise sin a thoirt às agus patran eile fhigheadh a-steach don chlò na h-àite.

"Gann"

Chuir na ceannardan dùbhlanach às leth a' phrìomh mhinisteir gun robh snàthadan an riaghaltais aige nan tàmh.

A rèir Johann Lamont, cha robh aire air a' bhreabadaireachd agus a dhà shùil air reifreann neo-eisimeileachd na h-Alba.

Nach robh mòrchuid aig an SNP a thug cothrom dhaibh fada a bharrachd a dhèanamh?

An àite riaghaltais, thuirt ceannard nan Làbarach, bha iomairt, aig nach robh aon amas ach Alba a thoirt a-mach à Breatainn - sin cho gann agus bha an clàr fhèin.

Airson nan Tòraidhean, chaidh Ruth Davidson na b' fhaide, ag ràdh gun robh an riaghaltas na tàmh a dh'aona-ghnothach gus nach sealladh iad gun robh Pàrlamaid na h-Alba ag obair gu math taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

Agus air là nuair a thogadh fianais taobh a-muigh na pàrlamaid le daoine aig iarraidh air Bill Walker a dhreuchd a leigeil dheth, dh'iarr ceannard nan Lib Deamach Willie Rennie gnìomhan ùra gus dèiligeadh ri fòirneart an aghaidh bhoireannach agus fhireannach len cèilean.

Argamaid

Anns an deasbad a lean agus a leanas, 's e argamaid an SNP gu bheil iad a' dèanamh gu leòr, ag èisteachd ri daoine agus a' riaghladh gu ciallach.

Bha bilean gus ath-chruthachadh a dhèanamh air obair nan cùirtean, fear air taigheadas a' cur às don chòir a tha aig daoine taighean còmhairle a cheannachd agus bile ga dhèanamh mì-laghail deoch làidir a cheannachd do dhaoine fo 18 bliadhnaichean.

Rinneadh iomradh cuideachd air atharrachadh don lagh gus nach tèid cuid dhe na h-eucoirich as cunnartaiche a shaoradh gu tràth.

Tha am bile a' cur an reifrinn air dòigh fa comhair nam ball mar-thà.

Ach cleachdaidh an SNP gach rud eile a nì iad mar fhianais gum bu chòir gach rud a tha fo smachd Westminster tighinn fo riaghladh na pàrlamaid Albannaich.

Tha beagan a bharrachd air bliadhna gus am bi fios againn dè an ath dhealbh a thèid fhigheadh a-steach don ghrèis-bhrat mhòr.