Am Bail' Ùr a' teannadh air an lìog
- Air fhoillseachadh

Tha soirbheachas a bharrachd san amharc aig Bail' Ùr an t-Slèibh Disathairne is iad ag amas air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh 'son a' cheathramh turais ann an sreath.
Thèid Am Bail' Ùr dhan Chlachan Aillseach is dà phuing a dhìth orra an aghaidh Chinn Loch Seile 'son an tiotail.
Tha e air a bhith follaiseach fad grunn sheachdainnean a-nise gum biodh an duais a' tilleadh dhan Eilean a-rithist.
Ged a tha sgiobaidhean eile a' creidsinn gun urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Bhail' Ùr anns na cupanan - mar a rinn Gleann Urchadain ann an Cupa MhicThàmhais is Caol Bhòid ann an Cupa MhicAmlaidh - chan eil duine a' tighinn faisg orra san lìog.
Doimhneachd
Tha cluicheadairean fìor mhath aca - ach tha cuideachd doimhneachd sa bhuidhinn nach eil aig sgioba eile.
Tha sin ri fhaicinn cuideachd leis cho math 's a tha an dàrna sgioba aca a' dèanamh, is togaidh iadsan Lìog Tuath 2 Disathairne ma nì iad a' chùis air Gleann Garradh.
Bidh Am Bail' Ùr gu math airidh air tiotal na Prìomh Lìge, agus aig an ìre seo tha e doirbh fhaicinn cò - math dh'fhaoidte Lòbhat - a thig faisg orra san lìog anns na bliadhnaichean ri tighinn.
Bidh cuid a' ceasnachadh a bheil e glic dhan Bhail' Ùr geama a chluich seachdain mus tèid iad an aghaidh Chaoil Bhòid anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.
Tha cunnart ann gun tèid cluicheadairean a ghoirteachadh, ach cothrom cuideachd air spionnadh a chur san sgioba air thoiseach air a' gheama mhòr.
"Mo bheachd fhèin, tha sinne daonnan a' cluiche nas fheàrr nuair a tha sreath de gheamaichean air ar cùlaibh," thuirt manaidsear a' Bhail' Ùir, PJ Mac an Tòisich.
Ceart
'S e tìde a dh'inneas cò bha ceart.
Bidh Caol Bhòid fhèin aig fois Disathairne agus is coltach gum bi iad toilichte gu leòr mun sin, is cuid de na cluicheadairean aca a' cluiche bho chionn ghoirid ged nach robh iad 100%.
Thèid an dà sgioba aig bonn na lìge an aghaidh a cheìle san Òban.
Tha Camanachd an Òbain shìos mar thà agus tha a h-uile coltas ann gum bi An Gearasdan a' dol còmhla riutha.
Feumaidh sgioba Bhictor Mhic a' Ghobhainn dà phuing às a' gheama ma tha cothrom idir gu bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.
Cha bhi e furasta dhaibh ge-tà, is sreath chluicheadairean a dhìth orra - is coltas ann gum bi grunn dheugairean san sgioba Disathairne.
Dìoghaltas
Chan eil ach aon gheama eile sa Phrìomh Lìog is cothrom aig Ceann a' Ghiuthsaich dìoghaltas fhaighinn air Inbhir Aora aig an Dell, seachdain às dèidh dhaibh call 3-2 nan aghaidh aig an Winterton.
Bidh deagh theansa aig Ceann a' Ghiuthsaich an seo is coltas ann gum bi fear-glèidhidh Inbhir Aora agus an loidhne-dìon àbhaisteach uile air bainnsean.
Taobh a-muigh na Prìomh Lìge Disathairne bidh dàrna sgioba a' Bhail' Ùir ag amas air an lìog acasan a ghlèidheadh - abair là dhan chluba ma gheibh iad an dà thiotal san aon là.
Thèid an dà sgioba aig mullach Lìog Deas 1 an aghaidh a chèile, ach tha Meadhan Earra-Ghàidheal cho cinnteach air an tiotal 's a ghabhas - gheibh iad an lìog cho fad 's nach dèan Eilean Bhòid a' chùis orra le 8 tadhail.
Aig ceann eile na lìge tha Srath Chura feumach air puing bhon gheama aca an aghaidh Thaigh an Uillt gus an spàinn fhioda a sheachnadh.