Sgeama ùr ADS?

Pleana
Image caption Tha beachd Mhgr Chaimbeul a' leantainn air deasbad mu sheirbheisean adhair a gheàrr CNES.

Nì Comhairle nan Eilean Siar rannsachadh air sgeama lùghdachaidh faraidhean adhair ADS a chur an-sàs air seirbheisean eadar na h-Eileanan an Iar.

Thuirt ceannard na comhairle, Aonghas Caimbeul, gum biodh an sgeama stèidhichte air an sgeama a th' ann mar-thà eadar cuid de dh' eileanan na h-Alba is tìr mòr.

Bhiodh na h-ùghdarrasan ionadail - a' gabhail a-steach Comhairle nan Eilean Siar is Bòrd Slàinte nan Eilean Siar - a' pàigheadh faraidhean àbhaisteach ach bhiodh lasachadh ann dhan phoball.

Tha Mgr Caimbeul ag ràdh gur dòcha gur e dòigh a bhiodh ann airgead a thogail a dh'ionnsaigh nan seirbheisean adhair a tha mar-thà anns na h-Eileanan an Iar, air neo son seirbheisean ùr a stèidheachadh.

Nochd Mgr Caimbeul air beulaibh Chomataidh nan Ath-chuingean aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Chaidh a cheasnachadh mu mar a chuir CNES às dhan t-seirbheis adhair eadar Barraigh is Beinn nam Fadhla, is mar a chaidh lùghdachadh a thoirt air an t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh.

Fianais

Thuirt a' chomhairle às dèidh làimh gun robh iad deònach coimhead ris a' cheist a-rithist, nam biodh fianais ann gun tug gearraidhean anns na seirbheisean droch bhuaidh air coimhearsnachdan agus euslaintich.

Tha Mgr Caimbeul ag ràdh ge-tà gum biodh feum air airgead a bharrachd.

"Chan tèid a' chomhairle an sàs ann am buidseat a stèidhich sinn mar-thà, às dèidh dhuinn co-chomhairleachadh farsaing a dhèanamh", thuirt e.

"Ma tha seirbheisean adhair a bharrachd gu bith ann, bidh feum air airgead a bharrachd. 'S dòcha gur e sgeama lùghdachaidh faraidhean aon dòigh air sin a dhèanamh agus iarraidh mi aithisg air a sin, agus air mar a ghabhadh airgead às an leithid a chleachdadh son seirbheisean adhair", thuirt e.

Thuirt Mgr Caimbeul gun iarr e fiosrachadh bhon Bhòrd Slàinte air dè dìreach a' bhuaidh a thug gearradh nan seirbheisean orra-san.

Dh'iarr e cuideachd air Buidheann Malairt Innse Gall agus Comhairlean Coimhearsnachd Bharraigh tighinn air adhart le fianais air buaidh nan gearraidhean air an eaconomaidh.

Coinnichidh comataidh poileasaidh is storas na comhairle Diardaoin an 12mh den mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile