Cead do cheangal-rathad Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chuir comhairlichean na Gàidhealtachd taic ri planaichean 'son ceangal-rathad ùr an iar air Inbhir Nis.
Rachadh an rathad tarsainn air Abhainn Nis agus an Canàl Cailleannach is dhèanadh e ceangal eadar Rathad Dubhrais agus an A82.
Bha dùil an toiseach gun cosgadh pròiseict an rathaid £27m, ach sheall aithisg a chaidh mu choinneamh na Comhairle Diardaoin gu bheil a' chosgais air èirigh gu £34m.
Tha cosgaisean a bharrachd - suas ri £9.5m - ann 'son goireasan spòrs ùra a leasachadh faisg air an rathad ùr timcheall air Tòrr Bheathain.
Tha luchd-iomairt a' cumail a-mach gu bheil sin a' fàgail chosgaisean na pròiseict cho àrd ri £43m, ach tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur ann mar phàirt de phròiseict fa lath a tha na planaichean 'son goireasan spòrs.
Chuir comhairlichean taic ris na planaichean 'son an rathaid agus thug iad cead dha oifigich na Comhairle cead-dealbhachaidh iarraidh, agus am pròiseas a thoiseachadh gus an talamh a bhios a dhìth a cheannach.
Thathas an dùil gun tòisich obair ann an 2015.
Tesco
Tha e cuideachd air tighinn am bàrr nach cuir companaidh mhòr Tesco airgead sam bith ris a' phròiseict.
Chuir Tesco tairgse air adhart bho chionn còrr is deich bliadhna gun cuireadh iad airgead ri pròiseict an rathaid nam faigheadh iad cead 'son bùth mhòr 20,000 troigh cearnagach air Rathad Dubhrais.
Air a' cheann thall cha deach gabhail ris an tairgse, is chuir Tesco bùth nas lugha air an làraich.
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd ainm ri aonta-dealbhachaidh leis a' chompanaidh ann an 2002 ge-tà, a thaobh taic-airgid dhan rathad ùr.
Fo na cosgaisean a th' ann a-nise, bhiodh aig Tesco ri £340,000 a chur ris a' phròiseict.
Mar phàirt den aonta ge-tà, dh'fheumadh an rathad a bhith fosgailte ann an 2012 is leis nach do thachair sin, dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd nach tig airgead sam bith bho Thesco.
Cha robh Tesco airson dad a ràdh mun ghnothach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 2 An t-Sultain 2013