BBC Naidheachdan

Tuath-gaoithe air Beinn Uais?

Published
image copyrightRichard Webb/Geograph
image captionChuir PI Renewables plana air adhart 'son 19 crainn a thogail air taobh deas na beinne.

Tha buidheann sreapadaireachd air càineadh a dhèanamh air planaichean ùra 'son tuath-gaoithe air Beinn Uais.

Chuir a' chompanaidh PI Renewables plana air adhart 'son 19 crainn a thogail air taobh deas na beinne.

Na bu thràithe air a' bhliadhna seo tharraing Falck Renewables plana 'son tuath-gaoithe 'Clach Liath' air taobh sear Beinn Uais.

Tha Sreap Alba ag ràdh nach bu chòir gabhail ris a' phlana ùr a-muigh no a-mach.

"S e beinn air leth a th' ann an Beinn Uais, ach gu mì-fhortanach tha i a-nise a' tàladh luchd-leasachaidh nan tuathan-gaoithe," thuirt àrd-oifigear na buidhne, Dàibhidh Gibson.

"Chuir Falck Renewables am plana acasan an dàrna taobh oir dh'aithnich iad na beachdan làidir nan aghaidh, is dh'iarrainn air PI Renewables an aon rud a dhèanamh," thuirt e.