Ailean Breac neo-chiontach
- Air fhoillseachadh

Tha buidheann de dh'eòlaichean lagha agus foireansach den bheachd nach b'e Ailean Breac Stiùbhart a rinn Murt na h-Apann ann an 1752.
Chaidh Cailean Ruadh Caimbeul Ghlinn Iubhair - "an Sionnach Ruadh" - a mharbhadh ann an coille na Leitir Mòire, faisg air Baile a' Chaolais.
B' esan factair nan oighreachdan a chaidh a thoirt bho chinn-feadhna a bh' air seasamh leis a' Phrionnsa Teàrlach san ar-a-mach aige ann an 1745, agus dleastanas air màl nan daoine a bha a' fuireach air na h-oighreachdan a thional a chùm maith an Riaghaltais, agus corra dhuine a chur a-mach às na tacan-fearainn aca, gus smachd an Riaghaltais a dhaingneachadh.
Am measg nan oighreachdan sin, bha dùthaich Stiùbhartach na h-Apann.
Kidnapped
Anns an leabhar a sgrìobh Robert Louis Stevenson, Kidnapped, a tha stèidhichte air a' mhurt gu ìre mhòir, tha amharas ga chur - gun dearbhadh - air fear Ailean Breac Stiùbhairt, a bha na oifigeach Seumasach air tilleadh a dh'Alba às an Fhraing air obair dhìomhair.
'S ann airsan a thuit an t-amharas airson a' mhuirt, leis gun robh e air maoidheadh air a' Chaimbeulach gu poblach roimhe. Theich e às dèidh a' mhuirt.
Bha Ailean Breac na mhac-dalta aig fear Seumas a' Ghlinne, a chaidh a dhìteadh - ged a bha alibi làidir aige 's nach robh fianais sam bith ga togail gur e a rinn e - le diùraidh air an robh 11 Caimbeulach, mu choinneimh britheimh Chaimbeulich - MacCailein Mòr, Diùc Earra-Ghàidheal, - agus a chrochadh os cionn Chaolais MhicPhàdraig, ri taobh far a bheil drochaid Bhaile a' Chaolais an-diugh.
An t-seachdain seo, thàinig buidheann de dh'eòlaichean lagha agus foireansach cho math 's a th' ann an Alba còmhla sa Ghearasdan, airson beachdachadh air a' chùis.
Am measg na buidhne, bha an t-Oll. David Barclay, a tha na Fhear-saidheans Foireansach; an t-Oll Caroline Wilkinson, a tha na h-Ollamh air Aithneachadh Claigne; An t-Oll. Anthony Busuttil, a tha na Ollamh air Leigheas Foireansach; am Morair Coinneach Caimshron Loch Bhraoin, a b'àbhaist a bhith na Bhritheamh; agus an t-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair, a tha na Fhear-eachdraidh, agus an Dr Karly Kehoe, a tha cuideachd na tè-eachdraidh.
Rinn Caroline Wilkinson ìomhaigh de dh'Ailean Bhreac, stèidhichte air fianais a th' ann bhon àm.
Tha a' bhuidheann den bheachd nach b'e Ailean Breac a rinn am murt.
Tha fianais ann gur e fear Dòmhnall Stiùbhart, a bha na chliamhainn agus mac bràthair athar do dh'fhear Bhaile a' Chaolais aig an àm, a rinn am murt.
"B'esan a bu chinntiche leis a' ghunna, agus gu dearbh, b' ann leiseasan a bha an gunna a b'fheàrr anns an dùthaich," thuirt an t-eòlaiche eachdraidh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart.
Chaidh an fhianais sin a thoirt seachad ann am meadhan na 19mh Linn, le fear Iain Òg MacColla, a thogadh anns an aon taigh san do thogadh Dòmhnall Stiùbhart.
Na bhalach, bhiodh an t-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair, a thogadh ann an Durar, a' cluich ann an tobhta taigh Sheumais a' Ghlinne, a bha gun mhullach aig an àm sin, ach a tha an-diugh na bhothan do luchd-coiseachd.
Sgrìobh esan leabhar mu dheidhinn a' mhuirt, sa bheil e ag innse gun deach innse dhasan gur e Dòmhnall a rinn e.
Tha traidisean a' dol gun robh fios aig cuid de theaghlaichean san sgìre, fad iomadh ginealach, cò a rinn am murt, ach nach innseadh iad do dhuine.
"Cha chreid mi gum faigh sinn fuasgladh cinnteach air a' chùis taobh seach taobh," thuirt an t-Oll. Mac an t-Sealgair.
"Ach 's e rud a th' air a bhith uabhasach inntinneach dhomhsa mar fhear-eachdraidh, a bhith ag obair còmhla ri luchd-saidheans foireansach, agus a bhith a' faicinn mar a choimheadas iadan ri rudan mionaideach, 's mar a dhèanadh iad sin an-diugh.
"Tha fear dhiubh, Dave Barclay, a th' air ùidh mhòr a shealltainn ann, na eòlaiche air leithid musgaidean agus peilearan 's an leithid.
"Ged a tha mi air sgrìobhadh gu farsainn mun chùis, feumaidh mi aideachadh nach robh mi air smaoineachadh tro na cùisean sin dheth gu mionaideach," thuirt e.
Cliù a' Chaimbeulaich
Is coltach gun robh deagh chliù aig an t-Sionnach Ruadh am measg an t-sluaigh, fiù 's am measg Sheumasach.
Sgrìobh Alasdair MacMhaighstir Alasdair dàn aoireil, An Àirce, air na Caimbeulaich goirid mus deach Cailean a mhurt, sa bheil e a' guidhe Plàighean na h-Èipheit agus tuil mhòr air dùthaich nan Caimbeulach, le àirce ann dhaibhsan a bha dìleas do chùis nan Seumasach:
"Ge toil leam Cailean Glinn Iubhair
B' fheàrr leam gum b' iubhar 's nach b' fheàrna;
Bhon a thrèig e nàdar a mhuinntreach,
'S gann a dh'fhaodar cuim thoirt dà-san.
Cuir boiseid de ionmhas Righ Deòrsa,
De smior an òir mu theis-meadhon;
'S ìobair e 'Neptun ge searbh e,
Mur grad-ainmich e 'n rìgh dligheach."
Tha leithid de dh'fhiosrachadh traidiseanta, anns a' Ghàidhlig, cudromach airson tuigse sam bith a bhith aig duine mu na thachair aig an àm, a rèir Dhòmhnaill Uilleim Stiùbhart, agus e den bheachd gun cuidicheadh aithneachadh air cultar na sgìre rannsachadh saidheansail sam bith.
"Saoilidh mi gu bheil àite ann dha sgrùdaidhean saidheansail ann an eachdraidh," thuirt e.
"Ach tha amharas agam aig an aon àm, nach bu mhiste na daoine sin a tha a' dèanamh an rannsachaidh sgrùdadh eile a dhèanamh an toiseach.
"Sin sgrùdadh air cànan, air dualchas agus air eachdraidh nan daoine.
"'S e an aon sgeul a th' ann an seo. 'S e daoine a tha a' tighinn a-steach dhan Ghàidhealtachd. Chan eil facal Gàidhlig aca. Chan eil iad eòlach air dualchas nan Gàidheal.
"'S tha iad a' gabhail orra fhèin aig an aon àm gu bheil iad gu math eòlach air eachdraidh nan Gàidheal adhbhar air choireigin. Mion-eòlach fiù 's. Nas eòlaiche na muinntir an àite fhèin.
"Feumaidh mi a ràdh, nach bu mhiste iad 's dòcha beagan sgrùdaidh a dhèanamh air cànan agus dualchas, cultar nan daoine, an toiseach, mus tòisicheadh iad air na sgrùdaidhean saidheansail - feumail ged a bhitheadh iad," thuirt e.