CnES son coinneachadh le riochdaire UN

  • Air fhoillseachadh
Buidheann Taigheadais Innse Gall
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a' chìs na dùbhlan ann an sgìrean dùthchail.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh coinneimh le riochdaire bho na Dùthchanan Aonaichte (UN) a tha a' rannsachadh cìs nan seòmraichean-cadail ann am Breatainn.

Tha an rapporteur, Raquel Rolnik, a' sgrùdadh buaidh poileasaidh Riaghaltas Westminster sochairean a thoirt bho luchd-màil ma tha e air a mheas gu bheil seòmar-cadail a bharrachd aca air nach eil iad a' cur feum, feuch a bheil e a rèir chòirichean daonna.

Bheir i cola-deug a' rannsachadh na cùise ann an cuid de bhailtean mòra Bhreatainn.

Thuirt an Comh. Tormod MacLeòid, a tha na bhall air Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP), gum feum iad feuchainn ri fiosrachadh fhaighinn thuice mu shuidheachadh nan eilean.

Aithisg

Tha Raquel Rolnik na rapporteur sònraichte aig na Dùthchanan Aonaichte air taigheadas.

'S iad Riaghaltas Westminster a thug cuireadh dhith a thighinn dhan dùthaich agus bheir i beachd air a' chùis an ath-sheachdain an dèidh dhith tadhal air Lunnainn, Dùn Èideann, Glaschu, Béal Feirste agus Manchester.

Thèid an aithisg dheireannach aice mu choinneimh Comhairle Chòirichean Daonna an UN an ath-bhliadhna.

Tha ministearan Westminster air a bhith gan dìon fhèin agus ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ri mar a bha "subsadaidh" mì-chothromach ga thoirt do dhaoine aig an robh seòmar-cadail a bharrachd ann an taigheadas sòisealta.

Ach tha cuid eile ag ràdh gu bheil a bhith a' toirt nan sochairean bho theaghlaichean gam fàgail ann am bochdainn.

Àiteachan iomallach

Tha dragh sna h-eileanan agus ann an sgìrean dùthchail eile gu bheil buaidh na cìse nas miosa buileach ann an sin leis nach eil uidhir de roghainnean aca a thaobh àiteachan-fuirich.

Tha Mgr MacLeòid den bheachd gu bheil e cudromach gun tèid suidheachadh nan àiteachan beaga iomallach a thoirt gu aire Ms Rolnik a cheart cho math 's a thèid suidheachadh nam bailtean mòra.

"Tha duilgheadas tòrr nas motha againn na tha sna bailtean mòra.

"Sna baitean mòra tha tòrr dachaighean aca, agus tha e nas fhasa daoine a ghluasad bho àite gu àite.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An Comh. Tormod MacLeòid air Aithris na Maidne

"Cha b'urra dhut sin a dhèanamh sna h-eileanan, mar eisimpleir nam biodh daoine ann am Barraigh son gluasad chan eil taighean ann am Barraigh far am b'urrainn dhuinn an cuir," thuirt Mgr MacLeòid.

Tha Mgr MacLeòid den bheachd gu bheil e an aghaidh an lagha agus nach eil e ceart gu moralta a bhith a' toirt air daoine a tha air a bhith a' paigheadh mal air dachaigh fad iomadach bliadhna barrachd airgid a phàigheadh a-nis seach gu bheil seòmar-cadail falamh aca.

Thuirt Mgr MacLeòid gu robh e an dòchas gum biodh dòigh ann coinneachadh le Ms Rolnik neo fiosrachadh fhaighinn thuice fhad 's a tha i san dùthaich.

Choinnich HHP le Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, na bu thràithe air an t-Samhradh.

Dh'iarr iad gun deadh cur às dhan dhan chìs sna h-eileanan agus air a' Ghàidhealtachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh