Fear ann an tubaist an Super Puma ga thiodhlaigeadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh fear den cheathrar a chaidh a mharbhadh ann an tubaist le heileacoptair Super Puma far Shealtainn a thiodhlaigeadh ann an Inbhir Nis Dihaoine.
Bhàsaich Gary McCrossan, 59, nuair a chaidh an heileacoptair dhan mhuir Dihaoine an 23mh den Lùnastal.
Dh'iarr a theaghlach gun deadh tabhartas sam bith a thoirt dhan RNLI.
Tha Mgr McCrossan a' fàgail cèile, dithis chloinne agus ogha.
Thuirt a theaghlach gur e duine spòrsail, gràdhail a bh' ann agus gun deach beàrn mhòr fhàgail nam beatha.
Tha rannsachadh fhathast a' dol faic de a dh'adhbhraich an tubaist leis an Super Puma AS332 L2.
Chaill Sarah Darnley, 45, às Eilginn, Donnchadh Rothach, 46, à Bishop Auckland agus Seòras Allison, 57, à Winchester, am beatha san tubaist cuideachd.
Thèid Ms Darnley a thiodhlaigeadh Diluain.