Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

G20

Tha còmhraidhean as ùr a' tòiseachadh aig coinneimh dùthchannan mòra an G20 ann an St Petersburg sa Ruis far an do dh'failich e orra, gu ruige seo, tighinn gu aonta air Syria. Tha fear-labhairt na Ruis a' ràdh gu bheil sgaradh leth mu leth ann. Chuir an Fhraing, an Tuirc, Canada agus Breatainn taic ris na Stàitean Aonaichte a tha ag iarraidh ionnsaigh air riaghaltas Syria, a tha fo chasaid gun do chleachd iad armachd cheimigeach. Chuir an Ruis agus dùthchannan eile an aghaidh sin agus iad ag iad iarraidh comhairle bho na Dùthchannan Aonaichte mas dèan iad dad.

Syria

Agus tha na Dùthchannan Aonaichte a' radh gu feum iad trì gu leth billean dollar eile airson dèiligeadh ris an èiginn le fògarraich ann an Syria eadar seo agus deireadh na bliadhna. Tha an UN a' ràdh gun do theich dà mhillean Syrianach a-mach as an dùthaich agus gu bheil corr 's ceithir millean eile air an dachaigh fhàgail.

Sàbhailteachd heileacoptairean

Bidh luchd-obrach na h-ola ag innse an-diugh mun dragh a th' orra mu shàbhailteachd heileacoptairean aig coinneimh ann an Obar Dheathain. An-dè thuirt Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhar nach e adhbhar teicnigeach a bu choireach ri tubaist an Super Puma far Shealtainn air a' mhìos seo chaidh far an do chaill ceathrar am beatha. Tha tiodhlaigeadh fear dhiubh sin, Gary McCrossan, a bha 59, ann an Inbhir Nis an-diugh.

Seirbheis chatharra

Thuirt Comataidh an Rianachd Phoblaich an Taigh nan Cumantan gu bheil seirbheis chatharra Bhreatainn ann am bùrach agus troimhe chèile le cruaidh fheum air ùrachadh agus leasachadh. Tha a' chomataidh ag iarraidh comisean pàrlamaid a nì sgrùdadh air dòighean-obrach na seirbheis.

Dave Lee Travis

Chaidh Dave Lee Travis, a bha na DJ air Radio One aig aon àm, mu choinneimh na cùirte an-diugh agus dusan casaid na aghaidh co-cheangailte ri ionnsaighean drabasda eadar 1977 agus 2007. Thèid a' chùis lagh na aghaidh air adhart an ath-bhliadhna.

A9

Thuirt buidheann de mhinistearan na h-Eaglaise Saoire gur e briseadh dùil a bh'ann an coinneimh le Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, an-de mu rathad an A9. Dh'iarr iad air a-rithist cabhag a chuir ris a' phlana 'son an A9 a dhèanamh dà-fhillte agus chuir iad teagamh sa sgeama camera a tha san amhrac 'son smachd a chuir air astar. Thuirt na ministearan nach d'thug Mgr Brown gealltanas sam bith dhaibh gun cuir e cabhag ris na planachan.

Cìs an t-seòmair-chadail

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag coinneamh le riochdaire bhon UN a tha a' rannsachadh cìs nan seòmraichean-cadail ann am Breatainn feuch am bheil a' chis a rèir chòirichean daona. Tha Raquel Rolnik a' toirt cealla-deug a' rannsachadh na cìse ann an cuid de bhailtean mòra na dùthcha. Ach tha an comhairliche Tormod MacLeòid, bho Bhuidheann Taigheadais Innse Gall a' ràdh gu feum iad fiosrachadh a thoirt dhith mu bhuaidh shònraichte na cìse air suidheachadh nan eilean.