Briseadh dùil don Eaglais Shaoir mun A9
- Air fhoillseachadh

Tha planaichean an Riaghaltais airson lùghdachadh a thoirt air call beatha air an A9 nam briseadh dùil a rèir buidhne bhon Eaglais Shaoir a choinnich ri Ministear na Còmhdhail Keith Brown Diardaoin.
Dh'iarr a' bhuidheann gun deadh ìmpidh as ùir a chur air na h-ùghdarrasan an rathad a dhèanamh dùbailte cho luath 's a ghabhas air sgàth na tha de thubaistean bàsmhor air an rathad.
Dh'innis Mgr Brown dhaibh gun tèid còrr air dàrna leth an A9 a dhèanamh dùbailte ron bhliadhna 2022.
Tha dùil gun tòisich an obair ann an 2015 agus beachd ann gum mair i deich bliadhna.
Ach, tha ministearan bho Chlèir Inbhir Nis, Rois agus Loch Abair den Eaglais Shaoir ag iarraidh gun tèid sin a ghluasad air adhart, 's iad ag ràdh nach eil iad ag iarraidh tiodhlacaidhean a bhararchd a dhèanamh air sgàth thubaistean air an rathad.
Thuirt an t-Urr. Alasdair MacLeòid, a tha a' lìbhrigeadh choithionalan ann an Ulapul agus Aichilidh Bhuidhe, nach d'fhauir a' bhuidheann aca misneachd sam bith bho Mhinistear na Còmhdhail gun teid cabhag a chur air leasachaidhean ged a dh'fheuch e ri an sàsachadh le figearan a bha a' sealltainn gun deagh tòrr den rathad a dhèanamh nas fhearr taobh a-staigh seachd bliadhna às dèidh dhan obair tòiseachadh.