Cùisean mèirle an Inbhir Nis a' crìonadh
- Air fhoillseachadh

Thuirt na Poilis ann an Inbhir Nis gu bheil iad mothachail mun dragh a tha air daoine sa bhaile mu mhèirle ga dhèanamh ann an dachaighean agus togalaichean sa bhaile.
Ach, iad ag ràdh gun tàinig lùghdachadh san t-seòrsa eucorra seo an dèidh do ghrunn dhaoine a bhith air an toirt an grèim bho chionn ghoirid.
Thàinig sreath de chùisean mèirle ann an Inbhir Nis gu aire nam meadhanan an toiseach nuair a chuir boireannach iomairt air dòigh air Facebook an dèidh dhi stad a chur air neach a bha air briseadh a-steach dhan dachaigh aice.
Comhairle
Tha na Poilis a-nis air dearbhadh gun deach mèirle a dhèanamh ann an grunn dachaighean sna mìosan mu dheireadh.
Ach, dh'fheuch ceannard sgìreil an feachd, an t-Àrd-Inspector Graeme Murdoch, ri inntinn dhaoine a chur air fois, ag ràdh gu bheil àireamh nan cùisean eucorra seo air crìonadh sa chola-deug mu dheireadh an dèidh còignear, a chaidh a dhìteadh roimhe, a bhith air an toirt an grèim.
Chuir na Poilis ìmpidh, ge-tà, air daoine na dorsan agus uinneagan aca a chumail glaiste air an oidhche, agus nuair a tha iad a-muigh.
Mhol am feachd cuideachd do dhaoine dealbhan a thogail den àilleas aca agus de nithean luachmhor eile, agus àireamhan-comharrachaidh nan rudan sin a chumail sgrìobhte am badeigin.