Còir bhòt dealbhachaidh ga tharraing

  • Air fhoillseachadh
Aird a' BhàsairTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Bhon a seo a-mach cha bhi a' chòir aig comhairlichean ionadail bhòtadh air iarrtasan dealbhaidh mur a bi iad air a' chomataidh.

Chàin cuid de chomhairlichean mar a tha Comhairle na Gàidhealtachd air atharrachadh cò aig a tha còir bhòtadh ann an coinneamhan na comataidh dealbhachaidh.

Thuige seo tha cead air a bhith aig comhairlichean ionadail bhòtadh air iarrtasan dealbhachaidh sa uard aca fhèin, fiùs mur a h-eil iad air a' chomataidh.

Ach tha an t-ùghdarras ionadail a-nis dhen bheachd nach eil sin freagarrach agus air a' chòir a tha sin a tharraing.

Tha a' chomairle a' leantainn eisimpleirean ùghdarrasan ionadail eile.

Eòlas ionadail

Thuirt comhairliche an Àird agus Loch Nis, Màiread Davidson, gur e ceum air ais a tha seo.

"Se glè bheag a tha cho cudtromach dha daoine sa tha obair-dealbhachaidh.

"Tha daoine airson gum bidh an neach a thagh iad gan riochdachadh, agus tha cead bhòtaidh a' toirt dhuinn cothrom sin a dhèanamh," thuirt Ms Davidson.

Tha comhairliche Sgitheanach, Hamish Friseal, an aghaidh an atharrachaidh cuideachd.

Thuirt e gu bheil eòlas air an sgìre feumail dhan chomataidh dhealbhachaidh leis nach eil poileasaidh an ùghadarrais uaireanan a' freagairt air an àite.

Tha dragh air Mgr Friseal gu bheil barrachd agus barrachd dha na co-dhunaidhean dealbhachaidh gan toirt air falbh fiùs bhon chomataidh fhèin.

A rèir Mhgr Fhriseil 's iad oifigearan an ùghdarrais a tha a' deanamh tòrr co-dhùnaidhean air cùisean dealbhachaidh a-nis seach na comhairlichean a tha a' riochdachadh an t-sluaigh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh