Deasbad Aiseig a' Chorrain

  • Air fhoillseachadh
Aiseag a' Chorrain
Fo-thiotal an deilbh,
Tha molaidhean Comhairle na Gàidhealtachd 'son faraidhean ùra air Aiseag a' Chorrain air a bhith connspaideach.

Thèid na molaidhean as ùire 'son faraidhean air Aiseag a' Chorrain a dheasbad aig Foram Uard Cheann a Deas Loch Abair a-nochd.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd roimhe gun robh iad am beachd siostam ùr a chur an sàs a chuireadh àrdachadh air cuid de na faraidhean, is iad a' cumail a-mach gu bheil cosgaisean a bharrachd a' tighinn orra gus an t-seirbheis a ruith.

Bha an siostam ùr a' moladh lasachadh do dhaoine a tha a' cleachdadh na h-aiseig s tric is minig le a' bhith a' pàigheadh £40 gach mìos gus an t-seirbheis a chleachdadh cho tric sa thogradh iad.

Bhathas a' moladh cuideachd ge-tà cur às do leabhar de 30 ticeadan a tha a' seasamh fad bliadhna.

Iomagain

Dh'fhàg sin iomagain am measg chuid gum biodh àrdachadh mòr ann dhan fheadhainn nach eil air an aiseag cho tric is nach biodh 'son ticead £40 a' ceannach gach mìos.

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còrr is 80 freagairt ann an co-chomhairleachadh a rinn iad, is tha iad ag ràdh a-niste gu bheil iad air molaidhean ùra a dhealbh a bhios a' freagairt air a h-uile duine.

Tha iad air na leabhraichean de 30 ticeadan a thoirt air ais agus chaidh am plana 'son ticead mhìosal aig £40 a chur an darna taobh.

Bhiodh ticead 'son càr a' dol suas bho £7.30 gu £7.60 is a' chomhairle ag ràdh gu bheil na faraidhean eile ag èirigh aig an aon ìre.

Buidseat

"Cho-dhùin a' chomhairle nuair a bha sinn a' stèidheachadh ar buidseat gun robh sinn feumach air £100,000 a bharrachd a thogail gach bliadhna bho Aiseag a' Chorrain", thuirt cathraiche comataidh seirbheisean TEC na comhairle, Graham Phillips.

"S e a' cheist ciamar a nì sinn sin ann an dòigh a tha cothromach dhan t-sluagh gu lèir. Tha mi a' smaointinn gum faic daoine a-nise gu bheil sinn air èisteachd ris na daoine agus air an gnothach a làimhsicheadh ann an dòigh nach toir buaidh ro mhòr air duine.

"Fo na molaidhean ùra bidh toll fhathast sa bhuidseat is nì sinn sgrùdadh feuch ciamar a ghabhas an t-seirbheis seo a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd", thuirt e.

Fhuair comhairlichean na sgìre cothrom sùil a thoirt air na molaidhean ùra 'son a' chiad turas madainn Diluain, mus deach an cur air làrach-lìon na comhairle.

Fiosrachadh

A rèir Anndra Baxter, fear de na comhairlichean, bha còir aig Comhairle na Gàidhealtachd am fiosrachadh a sgaoileadh roimhe.

"S e gnothach toinnte a tha seo agus bha còir aig muinntir an àite - air an toir seo a' bhuaidh as motha - cothrom na molaidhean a sgrùdadh ro-làimh agus ceistean a dheasachadh", thuirt e.

Bidh a' choinneamh ann an Àrainn Shuaineirt ann an Àrd-sgoil Àird nam Murchan aig 6:30f Diluain.

Thèid na molaidhean an uair sin mu choinneimh Comataidh Sheirbheisean TEC na comhairle air an 19mh den mhìos.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh