Ceannard ùr 'son dreuchdan a chruthachadh

  • Air fhoillseachadh
Raghnaid NicCoinnichTùs an deilbh, HIE
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh Raonaid NicCoinnich a' stiùireadh sgioba Innse Gall de HIE.

Feumar obraichean a bharrachd a chruthachadh gus daoine òga a chumail anns na h-Eileanan an Iar, a rèir stiùiriche ùr Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean san sgìre.

Tha Raonaid NicCoinnich, a tha a' fuireach ann an Calanais, dìreach air tòiseachadh san dreuchd.

Tha i a' gabhail àite Eairdsidh Dhòmhnallaich, a tha a-nis ann an obair eile aig HIE a' co-òrdanachadh phròiseictean-coimhearsnachd buinn-leathainn air feadh na sgìre.

"Tha mi ag iarraidh fhaicinn a h-uile seòrsa obair gus am bi cothrom aig daoine thighinn air ais dha na h-Eileanan, thuirt a' Bh.Ph NicCoinnich.

"An rud a tha a' tachairt an-dràsta, tha a h-uile duine air falbh dhan oilthigh agus dhan chòlaisde agus chan eil obair aca 'son a thighinn air ais", thuirt i.

Thuirt a' Bh.Ph NicCoinnich gu bheil adhartas a thaobh a' bhuinn-leathainn agus fàs ann an gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail a' toirt dhi dòchas a thaobh obraichean ùra.

Thuirt i cuideachd gum feum HIE obrachadh còmhla ris a' choimhearsnachd agus buidhnean eile gus fàs a thoirt air eaconomaidh nan Eilean Siar.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh