Soirbheachas dhan Bhail' Ùr

  • Air fhoillseachadh
Bail' Ùr an t-SlèibhTùs an deilbh, Comann na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,
An darna sgioba aig Bail' Ùr an t-Slèibh le Lìog Tuath 2.

Bha deireadh-seachdain air leth aig Bail' Ùr an t-Slèibh is iad a' buannachadh Prìomh Lìog na h-Iomain agus Lìog Tuath 2.

Bha a' chiad sgioba 2-0 air thoiseach trath sa gheama aca an aghaidh Chinn Loch Seile, na tadhail a' tighinn bho Dhanny MacRath agus Glen Mac an Tòisich.

Cha robh Ceann Loch Seile a' dol a ghèilleadh is iad fhathast feumach air puing no dhà a bhith cinnteach air an àite aca sa Phrìomh Lìog, is chuir Donnchadh Ach MacRath tadhal son an geama a thoirt air ais gu 2-1.

Fhuair Am Bail' Ùr an treas tadhal dìreach ro letheach ùine - a' tighinn bhon chaman aig Friseal Mac an Tòisich - agus a dh'aindeoin gach strì bho Cheann Loch Seile san darna leth, chrìochnaich an geama 3-1.

Aire

Cha robh pàrtaidh mòr ann às dèidh làimh agus Am Bail' Ùr air iarraidh nach fhaigheadh iad an cupa, is aire aca air Cuairt Deireannach Chupa na Camanachd an aghaidh Chaol Bhòid Disathairne.

Chan ann mar sin a bha e do darna sgioba a' Bhail' Ùir shìos an rathad ann an Inbhir Garadh ge-tà.

Rinn iadsan a' chùis air Gleann Garadh 6-0 gus Lìog Tuath 2 a bhuannachadh is chaidh an duais a thoirt dhaibh às dèidh làimh.

Là fìor mhath dhan chluba is bidh iad a-niste a' dèanamh a h-uile oidhirp gus Cupa na Camanachd fhèin a chur còmhla rin duaisean eile.

Aig bonn na Prìomh Lìg tha cothrom air choireigin fhathast aig a' Ghearasdan air fuireach an àird às dèidh dhaibh glèidheadh 1-0 an aghaidh Chamanachd an Òbain.

Puingean

Thug sin sgioba na h-Àirde gu 11 puingean ach le geamaichean air fhàgail an aghaidh a' Bhail' Ùir agus Lòbhait, tha e doirbh fhaicinn ciamar a gheibh An Gearasdan na puingean a bhios a dhìth orra.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Ceann a' Ghiuthsaich an gnothach air Inbhir Aora 3-2 ann an geama far an robh dithis nach eil ach 14 bliadhna a dh'aois a' cluich, Scott MacLachlainn eadar na puist do dh'Inbhir Aora agus Calum Grannd a' tighinn far na beingidh do Cheann a' Ghiuthsaich.

Bha sgioba Bhàideanach air thoiseach 2-0 ach thill Inbhir Aora air ais tro Lewis MacNeacail (81) agus Garry Mac a' Phearsain (89).

Bha coltas gun robh aona phuing a' dol air ais gu Earra-Ghàidheal ach bha ùine ann fhathast do Lee Bain tadhal eile a chur do Cheann a' Ghiuthsaich - an darna tadhal aige fhèin den là - is chrìochnaich an geama 3-2.

Rinn Meadhan Earra-Ghàidheal cinnteach air Lìog Deas 1 a bhuannachadh nuair a rinn iad a' chùis air Bòd 3-2 ann am Baile Bhòid.

Cuairtean deireannach nam ban

Cha deach cho math dha na boireannaich aig Meadhan Earra-Ghàidheal air là mòr iomain nam ban.

Rinn Bàideanach & Srath Spè a' chùis orra 3-1 gus Farpais Valerie Fhriseil - Cupa Camanachd nam Ban - a thogail.

'S iad Megan Ralph, Rhona Stiùibhairt is Jane Nichol a fhuair na tadhail do Bhàideanach & Srath Spè, is Joan NicNeacail le tadhal Ghlaschu.

Nas traithe air an là bha Srath Ghlais air a' chùis a dhèanamh 4-0 air darna sgioba GMA gus Cupa Dùbhlan Marine Harvest a bhuannachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh