Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Iain Kerry, gu bheil Ameireaga den bheachd nach dèan armachd fuasgladh air an t-suidheachadh ann an Siria. Thuirt Mgr Kerry aig coinneimh ann an Lunnainn nach bi fuasgladh poileataigeach ann mura gabh a h-uile taobh ann an Siria pàirt anns an deasbad, ach nach tachair sin mura tèid riaghaltas a' Chinn-suidhe Assad a pheanasachadh airson a bhith a' cleachdadh armachd cheimigeach. Agus thuirt an Ruis a-rithist nach biodh e glic a dhol an sàs le armachd ann an Siria oir gu bheil cothrom ann fhathast air aonta phoileataigeach.

Dùn Phàrlain

Bruidhnidh Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick, ris na pàrtaidhean poileataigeach mu cheann-là airson fo-thaghadh ann an Dùn Phàrlain. Dh'fhàg ball na sgìre sin, Bill Walker, a dhreuchd an dèidh fhaighinn ciontach bho chionn ghoirid fo chasaidean gun robh e ri dochann anns an dachaidh. Tha an lagh ag ràdh gum feum fo-thaghadh a bhith ann an taobh a-staigh trì mìosan.

Duine a dhìth

Tha trì bàtaichean teasarginn agus heileacoptair le Feachd an Adhair a' coimhead airson duine a chaidh a dhìth, a reir choltais, anns a' Chuan a Tuath. Bha an duine air bàt'-aiseig a bha air a slighe eadar Learbhaig agus Obair Dheathain. 'S ann aig 04:00m an diugh a bha sgeul mu dheireadh air.

TUC

Feuchaidh Leas Cheannard nan Làbarach, Harriet Harman, ri sìth a dhèanamh an diugh eadar am pàrtaidh agus na h-aonaidhean ciùird nuair a bhruidhneas i ri cruinneachadh an TUC ann am Bournemouth. Tha cuid de cheannardan aonaidh a' càineadh cheannard nan Làbarach, Ed Miliband, agus esan ag iarraidh atharrachadh sa chàirdeas eadar am Pàrtaidh Làbarach agus na h-aonaidhean.

Aiseag

Tha gearan ann nach tèid fiosrachadh fhoillseachadh chun an diugh do chomhairlichean ann an Loch Abar mu na faraidhean ùra air Aiseag a' Chorrain agus dùil ri deasbad orra sin a-nochd aig Forum Cheann a Deas Loch Abar. Thàinig co-luadar poblach air a' chùis gu ceann anns an Iuchar. Tha e coltach gum bi buannachd ann do dh'fheadhain a tha a' gabhail na h-aiseig tric ach tha dragh ann gum bi faradh nas àirde air feadhainn nach eil, an lethid seann daoine.

BBC

Thèid Cathraiche a' BhBC, am Morair Patten, agus Mark MacThòmais a bha na àrd-stiùiriche, mu choinneimh Comataidh nan Cùnntasan Poblach anns na Cumantan an diugh agus aithrisean gu math eadar-dhealaichte aca air dè a b'aithne dhaibh mu phàigheadh mòr do dh'àrd mhanaidsearan a' BhBC nuair a dh'fhàgadh iad an dreuchd. Tha Mgr MacThòmais a' fàgail air buill Urras a' BhBC gun tug iad seachad fiosrachadh meallta aig èisdeachd air a' chùis anns an Iuchar.