Dragh fhathast mu Aiseag a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chan eil daoine buileach riaraichte fhathast le planaichean 'son faraidhean ùra air Aiseag a' Chorrain.

Tha mì-thoileachas a' leantainn mu phlana Comhairle na Gàidhealtachd gus atharrachadh a thoirt air siostam faraidhean Aiseig a' Chorrain.

Nochd beachd làidir aig coinneimh ann an Sròn an t-Sithein oidhche Luain nach eil na molaidhean ùra bhon chomhairle a' dol fada gu leòr.

Chaidh fhàgail cuideachd air a' chomhairle gun robh iad air feuchainn ris a' char a thoirt às na daoine ann am fios-naidheachd mu na molaidhean ùra.

Dh'innis a' chomhairle roimhe gum feumadh na faraidhean a dhol suas is cosgaisean a bharrachd a' tighinn orra gus an aiseag a ruith, ach chuir na molaidhean aca fearg air daoine.

Àrdachadh mòr

Fhuair a' chomhairle còrr is 80 freagairt ann an co-chomhairlicheadh mun chùis is tòrr dhuibh a' cumail a-mach gum biodh àrdachadh mòr ann do dhaoine nach eil a' cleachdadh na seirbheis cho tric.

'S e sin a dh'fhàg gun do thill a' chomhairle dhan choimhearsnachd oidhche Luain le molaidhean ùra, is cuid de na planaichean as connspaidaich a bh' aca air an dubhadh às.

Chaidh fàilte air a' cho-dhùnadh gum bi e fhathast comasach leabhar de 30 ticeadan a sheasas bliadhna a cheannach.

'S e am plana gus cur às dhan leabhar sin is ticead mhìosal aig £40 a chur na àite a dh'aobhraich cuid mhath den chonnspaid sa chiad dol a-mach. Cha bhi ticead mhìosail a-nise ann.

Riaraichte

Bha daoine san fharsaingeachd riaraichte le àrdachadh de 30sg 'son ticead 'son càr, a' dol suas bho £7.30 gu £7.60.

Bha fearg ann ge-tà gun d'thuirt a' chomhairle ann am brath-naidheachd a nochd còmhla ris na molaidhean gum biodh na faraidhean eile a' dol suas "pro rata".

Thog daoine aig a' choinneimh gur e àrdachadh timcheall 4% a thig air ticeadan singilte, ach gun tig àrdachadh de mu 15% air leabhar de 30 ticeadan.

Thuirt iad mar sin nach eil na faraidhean a' dol suas pro rata idir.

Iomagain

Bha iomagain cuideachd mu àradachadh 'son làraidhean, is daoine ag ràdh gur ann orrasan a tha a' ceannach bathar a thig na cosgaisean a bharrachd seach air na companaidhean bathair.

Gheall na comhairlichean is oifigich a bha an làthair aig a' choinneimh gun tog iad na draghan aig coinneimh de Chomataidh Sheirbheisean TEC na comhairle air an 19mh den mhìos.

Thèid bhòtadh air na molaidhean an uairsin is dùil gun tig na faraidhean ùra a chur an sàs air an 1mh den t-Samhain.

Gheall a' chomhairle cuideachd gun dèanadh iad ath-sgrùdadh eile air na faraidhean san àm ri teachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile