Crann Tholastaidh a' tionndadh
- Air fhoillseachadh

Tha muinntir Tholastadh bho Thuath ann an Leòdhas a' dèanamh gàirdeachas is an crann-gaoithe coimhearsnachd aca air tòiseachadh air dealan a chruthachadh.
Thòisich iad air a' phròiseict bho chionn ochd bliadhna nuair a chaidh planaichean na companaidh AMEC a chur an darna taobh.
Thuirt oifigear leasachaidh na coimhearsnachd, Dòmhnall MacÌomhair, nach ann gun strì a bha an gnothach ach gun robh taic làidir anns a' choimhearsnachd bho thùs.
Thathas an dòchas ann gun tig £100,000 sa bhliadhna dhan choimhearsnachd is thèid beachd a-nise a shireadh bhuapa air mar bu chòir a chosg.
Faighneachd
"Feumaidh sinn a dhol air ais dhan choimhearsnachd 'son faighneachd dhaibhsan cò air a tha iad a' cur a-mach an t-airgead", thuirt Mgr MacÌomhair.
"Bu chaom leam fhèin rudeigin mar chur a-mach an t-airgead air taighean son na seann daoine, tha na taighean fuar is tha iad a' call teas.
"Bu chaom leam cuideachd airgead a chur a-mach air spòrs son na daoine òga, spòrsan eadar-dhealaichte", thuirt e.
Thug Mgr MacÌomhair taing do choimhearsnachdan eile a thug taic is comhairle seachad, is mhol e do sgìrean eile feuchainn ris na pròiseictean aca fhèin a chur air adhart.
"Bu chòir a h-uile baile mas urrainn dhaibh dèanamh seo airson feum a dhèanamh dhan choimhearsnachd", thuirt e.