Obair aig Bràigh Bhearghdail
- Air fhoillseachadh

Tha Bràigh Bhearghdail ainmeil air sgàth 's cho cas agus lùbach sa tha e.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh adhartas le plana 'son earran de rathad an A9 a leasachadh aig Bràigh Bhearghdail ann an Cataibh.
Tha daoine tric air gearan mun pìos seo den rathad leis cho cas agus lùbach sa tha e.
Dh'innis an Riaghaltas gu bheil iad air cùmhnant £90,000 a thoirt seachad dhan chompanaidh BAM Ritchies.
Nì a' chompanaidh sgrùdadh air an fhearann a dh'fhaicinn dè am fuasgladh as fheàrr air a' phìos as miosa den rathad.
Thathas an dòchas plana aontachadh - air a stèidheachadh air an sgrùdadh seo - anns an t-Samhradh 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh