Caibideal ùr do bhall-coise Eileanach

Fosglaidh caibideal ùr ann am ball-coise Eileanach an ath-mhìos nuair a chluicheas Cluba Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh a' chiad gheama oifigeil aca.

Chaidh an cluba a stèidheachadh gus leigeil le sgioba thaghte às na h-Eileanan cluich ann an Cupa North Caledonian.

'S e farpais a tha seo a tha air a cur air dòigh do sgiobaidhean amaitearachd a tha a' cluich ann an Lìog North Caledonian.

Bidh an sgioba às na h-Eileanan an Iar a' leantainn eisimpleir Arcaibh, a chuir an sgioba thaghte acasan a-steach dhan fharpais 'son a' chiad turais ann an 2012/13.

Cha bhi sgioba Arcaibh a' cluich sa chupa am-bliadhna, ach bidh sgioba à Sealtainn.

Taghadh

Tha taghadh Chupa North Caledonian a-nise air a dhèanamh is cluichidh Sgioba Leòdhais is na Hearadh a' chiad gheama aca air falbh an aghaidh Alanais United Disathairne an 5mh den Damhair.

Bidh an sgioba a bhuannaicheas air falbh san iar-chuairt dheireannaich an aghaidh Cataibh United no Darna Sgioba Clach na Cùdainn air an 19mh den Damhair.

Tha Alanais an-dràsta san cheathramh àite ann an Lìog North Caledonian is iad air aon de na trì gheamaichean aca a ghlèidheadh.

Clach-mhìle

A rèir Cathraiche Comann Ball-coise Leòdhais agus na Hearadh, Coinneach MacÌomhair, 's e fìor chlach-mhìle a bhios anns a' gheama.

"S e rud eachdraidheil dha-rìribh a tha seo is tha sinn a' dol a ghabhail ceum air adhart nach deach a ghabhail a-riamh.

"Thathas a' cluich ann an Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd gun teagamh ach seo - ìre Lìog North Caledonian - tha i nas fheàrr na sin.

"S e cothrom a bhios ann dha na cluicheadaran sealltainn cho math sa tha iad", thuirt e.

Chaidh an sguad ainmeachadh oidhche Mhàirt;

Cailean MacRisnidh, Iain MacAoidh, Dòmhnall MacAoidh, Aonghas MacÌomhair, Steafan Dunn, Alasdair MacGilliosa, Donnchadh MacIlleathain, Dan Crossley, Seumas MacLeòid, Peadar MacChoinnich ©, Dàibhidh Mac A' Mhaoilean, Mìcheal Ruiseal-Mac a' Ghobhainn, Stiùbhart Flower, Scott MacAmhlaigh, Scott MacÌomhair, Friseal MacLeòid. Cailean MacIlleathain, Raibeart Jones, Alasdair MacLeòid.

=

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile