"Taic do Ghàidhlig far a bheil i làidir"
- Air fhoillseachadh

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a bhith ag amas air taic a thoirt dhan Ghàidhlig ann an sgìrean far a bheil i làidir, seach a bhith a' feuchainn ri suidheachadh a' chànain a leasachadh air feadh na dùthcha, a rèir ball ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa.
Bha an Lib Deamach Seòras Lyon a' bruidhinn agus Pàrlamaid na h-Eòrpa gus bhòtadh Diciadain air aithisg mu mhion-cànain a th' ann an cunnart.
Tha an aithisg ag iarraidh air an Aonadh Eòrpach agus na dùthchannan a tha nam buill dheth a bhith nas mothachaile gu bheil tòrr de chànanan na h-Eòrpa ann an cunnart a dhol à bith, agus làn thaic a chur ri oidhirp gus an glèidheadh agus am brosnachadh.
Buidseat Freagarrach
Thathas ag iarraidh air dùthchannan a bhith a' cur ma seach buidseat freagarrach gus mion-cànain a dhìon, agus gum bu chòir poileasaidhean cànain a stèidheachadh a tha ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e gum faigh clann an cànan san taigh.
Thuirt Mgr Lyon gu bheil e a' cur taic ris an aithisg is gun neartaich e an argamaid ann an Alba son taic a bharrachd dhan Ghàidhlig.
'S dòcha gum bi dòigh ann, thuirt e, beagan den airgead Eòrpach a tha a' dol gu Alba a chomharrachadh 'son leasachadh na Gàidhlig.
Dh'innis e ge-tà gu bheil iomagain air mu phoileasaidh Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba.
"Mearachd"
"Tha mi a' smaointinn gur e mearachd a th' ann bhon Riaghaltas a bhith a' feuchainn ri Gàidhlig a leasachadh air feadh na dùthcha.
"Tha sin a' cur uidhir de dh'uallach air goireasan is gu bheil cunnart ann gun tèid luchd-labhairt a chall, seach a bhith a' cur ri àireamhan.
"S e an dòigh as fheàrr, nam bheachd-sa, agus 's e mar a rinn an Riaghaltas mu dheireadh, 's e a bhith a' cur prìomhachas air sgìrean far a bheil dualchas Gàidhlig ann, sgìrean far a bheil fios gu bheil iarrtas ann, agus a bhith a' feuchainn ri gnothaichean a neartachadh anns na sgìrean sin.
"Tha mi den beachd ma dh'fheuchas sibh ris an airgead son teagaisg na Gàidhlig a chosg air feadh na h-Alba, gum fàilig e oirbh", thuirt e.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air am buidseat aca airson na Gàidhlig a chumail aig an aon ìre.
"Leanaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus comhairlean airson dèanamh cinnteach gun tèid an t-ionmhas againn gu na sgìrean a chuidicheas sinn ann a bhith a' leudachadh àireamh an luchd-labhairt agus a dh'fhàgas an cànan ann an staid fallain san àm ri teachd," thuirt an riaghaltas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 11 An t-Sultain 2013