Poilis a bharrachd air an A9
- Air fhoillseachadh
Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil barrachd oifigearan le èolas sònraichte air còmhdail a-nise ag obair air an A9 na bha a-riamh roimhe.
Chuir an t-seirbheis dìon orra fhèin às dèidh do dh'aithrisean nochdadh gum faodadh an àireamh de thubaistean air an A9 a ghearradh nam biodh oifigearan a bharrachd ag obair air an rathad.
Thuirt na poilis gu bheil iad air atharrachadh a thoirt air na dòighean-obrach aca bho chaidh an fheachd ùr nàiseanta a stèidheachadh sa Ghiblean.
Thuirt iad gu bheil oifigearan còmhdail a bharrachd a-nise stèidhichte air prìomh rathaidean ann an ceann a tuath na dùtcha.
Dh'innis Ceannard Roinn nan Rathaidean, an Superintendent Iain Moireach, gun do chuir iad plana gnìomh ùr an sàs san Iuchar a dh'fhàg gun do rinn iad tòrr a bharrachd obair air an A9.
Thuirt Mgr Moireach gu bheil na poilis mothachail mu shuidheachadh an A9 is gu bheil iad a' gabhail ceumanan gus an àireamh de thubaistean a lùghdachadh.