Cobhair air dithis air An Stòr
- Air fhoillseachadh
Rinn sgiobaidhean-teasairginn cobhair air dithis bhoireannach a bh' ann an triobaid aig An Stòr san Eilean Sgitheanach.
Chuir an dithis fios air na seirbheisean-èiginn aig 1036 Diciadain is iad air chall sa cheò.
Chaidh an lorg slàn sàbhailte is choisich iad sìos còmhla ris an luchd-teasairginn.
Chaidh fios cuideachd a chur air heileacoptair mhaor-cladaich Steòrnabhaigh mu dhuine a thuit fhad 's a bha e a' trusadh chaorach air eilean beag faisg air Griomasaidh.
Thugadh an duine, 86, gu Ospadal Uibhist is Bharraigh.