Airgead do dh'ionadan ùra sna Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh air taic-airgid £502,212 fhaighinn bhon Chrannchar Nàiseanta gus ionadan gnìomhachais a thogail.
Thèid trì ionadan a thogail faisg air an Tairbeart is bidh iad air an dèanamh ann an dòigh is nach cosg e mòran an ruith.
Thuirt Cathraiche Urras Ceann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh, gu bheil an leasachadh a' tighinn à iarrtas a dh'èireach às a' choimhearsnachd.
Gnìomhachas
"Bha buidhnean agus daoine air a bhith a' tighinn thugainn bho chionn bhliadhnaichean a ràdh gun robh iad a' coimhead airson àite anns an dèanadh iad gnìomhachas agus anns an deadh iad air adhart le obair a chruthachadh ann an Ceann a Tuath na Hearadh".
Thuirt an Crannchar gun tig 13 cosnaidhean bhon leasachadh ach dh'innis Mgr MacAoidh gum bi sin a rèir cò thèid a-steach dha na h-ionadan.
"Aon de na h-amasan a th' aca gum bi daoine a gheibh airgead bhuapa a' cruthachadh chosnaidhean agus tachraidh sin gu cinnteach, ach chan eil cinnt sam bith gum bi 13 ann.
Cothroman
"Cuideachd tha e mar fhiathachadh oirnn gum bi daoine a gheibh an t-airgead seo a' toirt seachad cothroman trèanaidh agus ionnsachaidh do dhaoine òga agus tachraidh sin cuideachd", thuirt e.
Bidh feum air airgead a bharrachd is tha an t-urras air iarrtasan a dhèanamh gu buidhnean eile 'son an tuilleadh taic.
Tha an t-urras an dòchas gum faigh iad dearbhadh air an airgead air fad a tha a dhìth orra ro dheireadh 2013, is gur dòcha gum bi na h-ionadan deiseil bliadhna às dèidh sin.