Bhòtadh sa Ghàidhlig - às dèidh 2014?

  • Air fhoillseachadh
Ceist Ghàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Rob Gibson nach deach argamaid làidir gu leòr a dhèanamh 'son pàipear bhòtaidh dà-chànanach an ath-bhliadhna.

Bu chòir coimhead ri pàipearan bhòtaidh 'son a h-uile taghadh ann an Alba a bhith dà-chànanach - às dèidh an referendum air neo-eisimileachd na h-Alba ann an 2014.

Sin am beachd a thàinig bho BhPA Ghallaibh, Chataibh agus Rois, an Nàiseantach Rob Gibson, 's e a' bruidhinn aig deasbad ann an Holyrood Diardaoin far an do chuir buill taic ri prionnsabalan Bile an Referendum.

Thuirt Mgr Gibson, a th' air comataidh a' bhile, nach robh buill den bheachd gun deach argamaid làidir gu leòr a dhèanamh gum bu chòir Gàidhlig a bhith air pàipearan bhòtaidh san referendum.

Thog e ceist air carson nach deach iomairt a dhèanamh 'son pàipearan bhòtaidh sa Ghàidhlig 'son taghaidhean na h-Alba ann an 2007 is 2011, no an taghadh coitcheann ann an 2010 no an referendum air siostam bhòtaidh AV ann an 2011.

Spèis

Thuirt e ge-tà gu bheil e airson spèis agus co-ionnanachd a thoirt dhan Ghàidhlig agus gum bu chòir beachdachadh air a' Gàidhlig a bhith air pàipearan bhòtaidh, às dèidh bhòt na h-ath bhliadhna.

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gur e prìomh amas an Riaghaltais an referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba a ruith ann an dòigh ris am bi luchd-bhòtaidh - agus an fheadhainn a tha a' stiùireadh na bhòt - cleachdte.

'S ann air an adhbhar sin a-mhàin seach ceistean sam bith mu na comasan aig luchd-labhairt na Gàidhlig sa Bheurla, thuirt i, a bhios a' bhòt ga ruith san aon dòigh ri bhòtaichean a bh' ann roimhe san Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear ron seo nach robh feum air ceist sa Ghàidhlig leis gun tuigeadh na Gàidheal ceist Bheurla.

Cha do ghabh am fear a chuir ath-chuinge mun ghnothach air beulaibh na Pàrlamaid ri argamaid Rob Gibson.

"S e beachd gu math bochd a th' ann, saoilidh mi", thuirt Iain MacLeòid, a tha cuideachd na Cheann-suidhe air a' Chomann Ghàidhealach.

Co-ionnanachd

"Tha ochd bliadhna bho chaidh Achd na Gàidhlig a stèidheachadh agus bha sin a' stèidheachadh na Gàidhlig mar chànan oifigeil, a' toirt co-ionnanachd spèis eadar Gàidhlig is Beurla.

"Tha planaichean Gàidhlig aig an Riaghaltas agus a' Phàrlamaid - carson a dh'fheumas coimhearsnachd na Gàidhlig iomairt a dhèanamh airson a' Ghàidhlig fhaighinn aig an aon ìre ris a' Bheurla agus e stèidhichte san lagh? Chan eil mi a' tuigsinn an argamaid a tha sin idir.

"S ann a tha Rob Gibson ag ràdh gum bu chòir coimhead ris a' ghnothach às dèidh an referendum. Tha mise ag ràdh gu bheil an ùine ann fhathast airson beachdachadh air agus carson nach deadh beachdachadh air aig an ìre seo?", thuirt e.

Thèid an gnothach a thogail a-rithist aig Comataidh Ath-chuingean Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt seo tighinn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh