Rathad an Referendum
- Air fhoillseachadh

Thig an deasbad mu neo-eisimileachd do dh'Alba gu Inbhir Nis Diciadain an 18mh den t-Sultain le prògram sònraichte air BBC ALBA.
Bliadhna mus bi a' bhòt ann, thèid 'Rathad an Referendum: A' Ghàidhealtachd' a chraoladh bho Acadamaidh Chùl Lodair aig 8.30f.
'S e Iain MacIlleathain, air am bi luchd-amhairc An Là gu math eòlach, a bhios na chathraiche.
Bidh Iain a' cumail rian air pannal de dh' eòlaichean agus riochdairean bho ghach taobh den deasbad.
Air a' phannal, a' riochdachadh iomairt BU CHÒIR, bidh Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, agus bidh Alasdair Moireasdan, a bha roimhe na Bhall Pàrlamaid Làbarach, a' riochdachadh Nas Fheàrr Còmhla.
Ceasnachadh
Thèid an ceasnachadh leis an fheadhainn a bhios san èisdeachd às Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt.
Cuideachd air a' phannal bidh fear de chomhairlichean Eilean a' Cheò, Hamish Friseal, a tha cuideachd na bhall de Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga, agus an tè-naidheachd Anna NicLeòid a bhios tric ag aithris air sgeulachdan poileataigeach air An Là agus BBC Radio nan Gàidheal.
Bidh sgoilearan bho air feadh na Gàidhealtachd eadar Àird nam Murchan agus Inbhir Pheofharain an làthair agus cluinnidh sinn mu na cuspairean as cudromaiche dhaibh-san anns an deasbad. Bidh mòran dhiubh a' bhòtadh airson a' chiad uair san t-Sultain an ath-bhliadhna.
Bidh aire shònraichte ga toirt san deasbad do chuspairean a tha cudromach do choimhearsnachdan na Gàidhealtachd.