"Barrachd airgid a dhìth bhon Riaghaltas"

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas na h-iomairt
Fo-thiotal an deilbh,
Tha na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn ag iarraidh tuilleadh chumhachdan

Tha fear de bhuill Chomhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, ag ràdh gum bu chòir dhan na comhairlean eileanach tuilleadh airgid iarraidh bhon Riaghaltas mu choinneamh cho iomallach 's a tha iad.

Bha Mgr Crichton a' toirt seachad a bheachd 's riochdairean nan comhairlean eileanach gu bhith a' tighinn còmhla aig co-labhairt mhòir ann an Arcaibh Diardaoin.

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn a' strì airson tuilleadh smachd air na gnothaichean aca fhèin.

A-measg na dh'iarradh iad tha cothrom air airgead Oighreachd a' Chrùin.

Ceist an airgid

Tha Mgr Crichton ag ràdh gur e ceist an airgid a bu chòir a bhith aig mullach a' chlàir-ghnothaich aig a' choinneimh sin.

"Bu chòir dhuinn cuideachd a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn mar a tha na comhairlean ionadail anns na h-eileanan a' faighinn airgid bhon Riaghaltas - dè seòrsa mechanism a th' againn an-dràsta - chan eil e a' toirt a-steach cho iomallach 's a tha sinn mar eileanan 's chan eil e a-toirt a-steach an suidheachadh eaconomach duilich a th' againn mar eileananan", thuirt e.

Tha Mgr Crichton ag ràdh gur ann air leithid rathaidean agus foghlam a dheigheadh an t-airgead a bharrachd sin a chosg.

"Aig an àm seo tha mi a' smaoineachadh gu bheil suidheachadh sònraichte againn mar eileanan agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an iomairt a tha na comhairlichean ionadail againn anns na h-eileanan a' cur air adhart aig an àm a tha seo cudromach agus bu chòir dhuinn cuideachd a bhith a' toirt dhachaigh orra airson airgead às ùr fhaighinn airson seirbheisean", thuirt e.

Thuirt e nach ann idir a' strì ri comhairlean eile a tha iad airson barrachd airgid, agus gu bheil an aon chothrom aca-san an cuid fheumalachdan a chuir mu choinneamh an Riaghaltais.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh