Tuathan-gaoithe Uibhist
- Air fhoillseachadh

Sgrìobh fear de chomhairlichean Uibhist chun MOD, a' faighneachd carson a tha iad a' cur bacadh air tuathan-gaoithe ann an sgìre cho farsaing dhan eilean.
Tha Dòmhnall Manford a' cumail a-mach gu bheil na riaghailtean gan cuir an sàs nas teinne ann an Uibhist na tha ann am pàirtean eile de dh'Alba.
Thog Comhairle nan Eilean Siar dragh bho chionn beagan sheachdainnean gu bheil eaconomaidh Uibhist a' fulaing air sgàth 's mar a tha casg ga chuir air pròiseactan gaoithe.
Dh'iarr iad coinneamh le Ministrealachd an Dìon feuch fuasgladh fhaighinn.
Thuirt an MOD roimhe gu bheil iad a' dèiligeadh ri gach iarrtas ann an Uibhist fa-leth, a-rèir 's dè cho àrd 's a bhiodh na cruinn agus càite am biodh iad air an suidheachadh.
Tha Mgr Manford ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba rannsachadh a chuir air dòigh iad fhèin, mura faigh e freagairt choileanta bhon MOD.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Sultain 2013
- Air fhoillseachadh3 An Dàmhair 2012