Cungaidhean-leigheis gan caith air falbh

Cungaidhean-leigheis
Image caption Cuid dhen na cungaidhean-leigheis a chaidh a thilleadh gu Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, agus a b' fheudar dhaibh caith air falbh.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag iarraidh air daoine gin a bhith ag òrdachadh barrachd chungaidhean leigheis air na dh'fheumas iad, 's luach mòr anns na tha ga chaith air falbh dhiubh.

Tha am Bòrd Slàinte a' tomhais gu bheil cungaidhean leigheis anns a bheil luach na mìltean notaichean gan caith air falbh anns an sgìre gach bliadhna air sgàth 's nach robh an fheadhainn a fhuair iad dha-rìribh a' cur feum orra.

Thuirt àrd-neach-cungaidhean a' Bhùird, Dawn Tiernan, gur e caitheamh-airgid a th' ann a bhith ag òrdachadh barrachd chungaidhean-leigheis na tha a dhìth, seach nach eil dòigh ann air an ath-chuairteachadh às dèidh dhaibh a bhith air an toirt seachad.

"Ged nach deadh a' phacaid fhosgladh idir, seach gun deach a thoirt do dh'euslainteach cha ghabh ath-chuairteachadh neo a thoirt gu cuideigin eile - feumar a losgadh", thuirt i.

Tha am Bòrd a' cur ìmpidh air daoine sùil a thoirt air na th' aca air fhàgail mus òrdaich iad an tuilleadh chungaidhean-leigheis, agus innse dhan dotair aca ma sguireas iad gan gabhail.

Tha iad cuideachd airson a chuir ann an cuimhne dhaoine, ma tha cungaidhean-leigheis aca a-staigh air nach eil feum aca, gum bu chòir an tilleadh chun ionad dotair aca neo gu bùth-chungaidhean, seach a shadal air falbh iad fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile