Ceist an Referendum aig Holyrood

  • Air fhoillseachadh
Ceist Ghàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-Oll. Rob Dunbar ag ràdh gu bheil e cudromach dhan Ghàidhlig àite fhaighinn air a' phàipear bhòtaidh 'son referendum 2014.

Chaidh an t-iarrtas airson pàipearan bhòtaidh dà-chànanach san referendum air neo-eisimileachd na h-Alba air beulaibh Comataidh nan Ath-Chuingean aig Holyrood Dimàirt.

'S e am fear-iomairt Iain MacLeòid à Dùn Èideann a th' air an ath-chuinge a thoirt air adhart, agus an t-Oll. Rob Dunbar bho Roinn Cheiliteis Oilthigh Dhùn Èideann a' cur taic ris.

An t-seachdain seo chaidh, thuirt am BPA Rob Gibson - a tha na bhall den chomataidh a tha a' sgrùdadh bile an referendum - gum bu chòir coimhead ri pàipearan bhòtaidh 'son a h-uile taghaidh ann an Alba a bhith dà-chànanach às dèidh referendum 2014.

Thuirt Mgr Gibson gun robh a' chomataidh den bheachd nach deach argamaid làidir gu leòr a dhèanamh 'son ceist Ghàidhlig a bhith air na pàipearan bhòtaidh an ath-bhliadhna.

Tha an t-Oll. Dunbar ag ràdh ge-tà, nach eil an t-strì seachad.

"Cudromach"

"Tha sinn ag ràdh gu bheil e cudromach dhan Ghàidhlig àite fhaighinn air a' phàipear bhòtaidh anns an taghadh as cudromaiche ann an eachdraidh na h-Alba, mar a tha an Riaghaltas fhèin ag ràdh.

"Tha Achd na Gàidhlig a' dleasadh co-ionnanachd spèis agus tha Bòrd na Gàidhlig anns an stiùireadh aca a thaobh phlanaichean Ghàidhlig a' dèanamh soilleir gu bheil e cudromach ann an cuid de na pàipearan agus irisean aig ìre nàiseanta gum biodh a' Ghàidhlig agus a' Bheurla co-ionnan anns na sgrìobhainnean seo, agus a-rithist 's e rud cho cudromach 's a ghabhas a tha san taghadh a tha seo," thuirt e.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an t-seachdain seo chaidh gur e prìomh amas an Riaghaltais an referendum a ruith ann an dòigh ris am bi luchd-bhòtaidh - agus an fheadhainn a tha a' stiùireadh na bhòt - cleachdte.

Thuirt an t-Oll. Dunbar ge-tà, gu bheil barrachd na aon cànan tric a' nochdadh air pàipearan baileat ann an taghaidhean san Rìoghachd Aonaichte.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh