Croitearachd ao-coltach ann am Moireibh
- Air fhoillseachadh

Fo Achd ùr na Croitearachd ann an 2010, chaidh Moireibh agus Eilean Arainn a chur ris na Siorrachdan Croitearachd.
Tha sin a' fàgail gum faodar smallholdings a chomharrachadh mar chroitean gu h-oifigeil anns an dà sgìre.
Thuige seo, thachair sin air aon smallholding ann an Arainn, ach cha do thachair e idir ann am Moireibh.
Tha traidisean de "chroitearachd" ann am Moireibh. Cha b'e croitean oifigeil a bh' annta, ach, coltach ris a' chòrr den Ear-Thuath, bha "croitean" beaga air feadh an àite, a' cumail sluaigh ann, pìos math a-steach don 20mh Linn.
Uachdarain
'S e croitearan - agus 's e croitearan a bh' aca orra fhèin - a bhris am fearann bhon mhòintich anns an Ear-Thuath, 's iad a' feuchainn ri tuathanasan a chruthachadh dhaibh fhèin san 19mh Linn.
Tha a' chuid as motha de na pàircean beaga aca an-diugh gan treabhadh còmhla le tuathanaich mhòra arbhair, 's na croitean air falbh o chionn deugachadh bhliadhnaichean fo bhuaidh na h-eaconamaidh.
Cha do chuireadh reachdas na croitearachd an sàs san Ear-Thuath thuige seo ge-tà.
Tha iarrtas làidir air croitean - tha liosta de cha-mhòr 200 duine aig Caidreachas Croitearachd na h-Alba de dhaoine a tha a' feitheamh croite - agus thathas a' faicinn gum biodh fèill air tuilleadh dhiubh a bhith ann.
'S iomadh croitear, tha fhios, nam biodh an toil aca, a roghnaicheadh talamh torrach agus aimsir bhàidheil Mhoireibh thar iomadh sgìre eile - a thaobh an àiteachais fhèin dheth co-dhiù.
Ach ma tha iarrtas ann am Moireibh fhèin air croitean, chan eil coltas gun tèid croitean a stèidheachadh aig an ìre seo ann.
Chuir mi fòn do chuid de na h-oighreachdan as motha ann am Moireibh, agus cha robh fios aig a' chuid as motha dhiubh gun robh an sgìre a-nis na Siorrachd Croitearachd.
A rèir sin, cha robh beachd aca idir air mar a fhreagradh iad iarrtas sam bith airson croitean a chruthachadh.
Bha fios aig Oighreachd a' Chrùin, leis a bheil Oighreachd Ghlinn Lìobhaid - far am b'àbhaist mòran "chroitean" a bhith - ach dh'innis iad dhomh nach toireadh an reachdas ùr buaidh idir orra, leis nach robh smallholdings sam bith air an fhearann aca.
Airson smallholding a dhèanamh na chroit, faodaidh an duine leis a bheil an smallholding iarrtas a chur a-steach do Choimisean na Croitearachd.
Nan gabhadh an Coimisean ris an iarrtas sin, 's e croit a bhiodh aca, ach cha bhiodh cead aig an ìre seo aig an duine a' chroit sin a cheannach bhon uachdaran, mar a tha fìor anns na Siorrachdan Croitearachd eile.
Bhiodh iad comasach air tarraing air na subsadaidhean a th' ann do chroitearan ge-tà, agus thigeadh am fearann aca fo reachdas na croitearachd.
Anns a' chuid as motha de shuidheachaidhean ge-tà, 's ann bhon uachdaran a dh'fheumadh iarrtas tighinn - 's chan eil cus buannachd ann dhaibh sin a dhèanamh.
Coimhearsnachdan
"Ma tha uachdaran airson airgead a dhèanamh às an talamh aca, chan eil buannachd ann, oir nuair a thèid talamh a stèidheachadh mar chroit, a' chuid as motha den ùine, tha e a' lùghdachadh luach an fhearainn sin," thuirt an t-eòlaiche air lagh na croitearachd, Calum MacLeòid.
"Ach ma tha an t-uachdaran can airson tiodhlac a thoirt dhan choimhearsnachd, no cuideachadh a thoirt do, can, chroitearan òga ùra anns a' choimhearsnachd, no dhan mhòr-shluagh anns an fharsainneachd, tha buannachd ann mar sin.
"Ann am Moireibh, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin coltach an-dràsta.
"Ach tha buidhnean coimhearsnachd, can ann am Muile, ann an Earra-Ghàidheal, a' ceannach fearainn agus a' stèidheachadh chroitean ùra.
"'S dòcha gun tachair sin ann am Moireibh - 's dòcha - ach an-dràsta chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' dol a thachairt.
"Cuideachd, tha mi cinnteach, fiù 's nan robh uachdaran ann am Moireibh deònach croit ùr a stèidheachadh, chan eil an t-eòlas aca mu dheidhinn chroitean, agus chan eil iad eòlach gu bheil na riaghailtean seo ann," thuirt e.
Thuirt Mgr MacLeòid cuideachd, gur ann à coimhearsnachdan a bhith a' ceannach an cuid fearainn fhèin as coltaiche a thig fàs air croitearachd san àm ri teachd, 's chan ann bho oighreachdan prìobhaideach.
Chan eil iomairtean a' dol ann am Moireibh airson an leithid de rud a thoirt gu buil, agus mar sin dheth, is coltach nach ann an-diugh no a-màireach a sgaoileas croitearachd gu tè de na sgìrean àiteachais as fheàrr ann an Alba.