Turasachd na Gàidhealtachd "air leth"
- Air fhoillseachadh

Chaidh moladh mòr a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd mar àite do luchd-turais a tha ag amas air spòrs air a' bhlàr a-muigh.
Nochd grunn àiteachan san sgìre ann an leabhar ùr bhon chompanaidh Lonely Planet a tha a' coimhead ris na h-àiteachan as fheàrr 'son chuairtean a-muigh.
Thuirt iad gu bheil na Rothaich am measg nan dùbhlan as fheàrr san t-Saoghal a thaobh bheanntan agus gu bheil Slighe Shrath Spè aig àrd-ìre mar chuairt do luchd-coiseachd agus luchd-baidhseagail.
Tha moladh ann cuideachd do leithid Mharathon Loch Nis, snàmh sa Choire Bhreacain, ag iomraimh ann an curach tro shlighe a' Ghlinne Mhòir no dìreach a' làighe ann am plèana air an Tràigh Mhòir ann am Barraigh.
Ìomhaigh
A rèir fhir-labhairt Lonely Planet, Tom Hall, tha ìomhaigh na h-Alba san fharsaingeachd a thaobh turasachd air atharrachadh gu tur.
"Tha Alba air gluasad seachad air an ìomhaigh a bh' aig cuid a thaobh turasachd - leithid tartan agus aran-cridhe - is tha Alba ga taisbeanadh fhèin a-nise gu mòr mar àite air leth 'son spòrs air a' bhlàr a-muigh.
"Tha ceud liosta san leabhar againn agus tha Alba a' nochdadh ann am fichead dhiubh.
"Tha daoine a-nise nas mothachail mu na th' aca air an starsnaich aca fhèin is tha iad a' faicinn nach leig iad a leas a dhol timcheall an t-Saoghail 'son àite air leth 'son spòrs a-muigh," thuirt e.