"Feum air tuathan-gaoithe a bharrachd"
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr comhairliche à Gallaibh gum bu chòir coimhead ri barrachd leasachaidhean tuath-gaoithe a stèidheachadh anns an sgìre.
Bha Ailig MacLeòid a' cur a bheachd an cèill às dèidh do Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt do phròiseict tarsainn an A9 bho sgeama Chauseymire, a th' ann mar thà.
Bidh 15 crainn an lùib an leasachaidh aig Halsary.
Dhiùlt comhairlichean cead a thoirt do phròiseict eile le 13 crainn faisg air làimh aig Bad a' Cheò.
Chuir iad dàil air co-dhùnadh mu leasachadh eile anns am biodh 5 crainn air an aon làraich.
Barrachd rannsachaidh
Thèid na planaichean sin a dheasbad a-nise aig an ath-choinneimh den chomataidh, às dèidh dhaibh barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a' ghnothach.
Thuirt an Comh. MacLeòid gur e cothrom caillte a bh' ann.
Tha e ag ràdh nach eil e a' tuigsinn carson a chaidh aon phròiseict air adhart is tè eile ga diùltadh.
"Chan eil càil a dh'fhios agamsa carson a bha comhairlichean eile a' coimhead air an dàrna phròiseict againn agus a' smaoineachadh nach e sin rudeigin a dh'fhaodadh sinn a leasachadh," thuirt e.
A dh'aindeoin is gun do nochd dragh am measg cuid aig a' choinneimh gu bheil cus thuathan-gaoithe a-nise gan togail ann an Gallaibh, tha an Comh. MacLeòid ag ràdh gu bheil feum air leasachaidhean a bharrachd.
"Tha mise ag iarraidh fhaicinn chothroman ùra a' tighinn a-steach a-nise agus gum bi sinne a' coimhead ris na cothroman sin mar rudeigin math," thuirt e.