Bliadhna chun an Referendum
- Published
Tha bliadhna ri dhol mus bi muinntir na h-Alba a' bhòtadh anns an referendum air neo-eisimeileachd.
Tha an dà thaobh san deasbad a' cleachdadh an là an-diugh airson na h-argamaidean aca a chur air adhart.
"Tha mise gu math misneachail airson na h-iomairt a th' ann airson Yes," thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.
"Air mo shon-sa, tha dà shlighe air adhart airson Alba. Chan eil fhios againn dè seòrsa Alba a bhios ann an ceann deich bliadhna, ge b'e na thachras san referendum.
"An diofar a th' ann le bhòtadh Yes, 's e sin gum bi cumhachd againne air dè seòrsa Alba a th' ann ann an deich bliadhna, no fichead bliadhna.
"'S e sin an diofair air mo shon-sa, agus air sgàth sin tha mi gu bhith a' bhòtadh airson an cumhachd sin a bhith ann an Alba," thuirt e.
Tha an iomairt Nas Fheàrr Còmhla - a tha airson 's gum fuirich Alba anns na Aonadh - ag iarraidh fhreagairtean air ceistean cudromach bhon SNP mu atharrachaidhean a thigeadh air Alba nam bhòtadh an sluagh airson neo-eisimeileachd.
"An rud a dh'fheumas a h-uile duine againn cuimhneachadh, 's e chan e taghadh pàrlamaideach a tha seo, chan e rud a tha seo a thig timcheall ann an trì bliadhna no còig bliadhna eile," thuirt Alasdair Moireasdan, a tha ag iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd.
"Ma bhriseas Alba agus Breatainn às a chèile, 's e rud a th' ann nach gabh cur air ais ri chèile.
"Agus an rud a bhios sinne a' dèanamh, a h-uile duine a tha an sàs anns an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a' dearbhadh dhan t-sluagh cho soirbheachail 's a tha Breatainn, cho soirbheachail 's a tha Alba taobh a-staigh Bhreatainn, agus mar sin air adhart.
"B'fheàrr leinne a bhith a' deasbad rudan eile, anns a h-uile pàrtaidh a tha an sàs ann an Nas Fheàrr Còmhla, ach 's e Ailig Salmond a tha ag iarraidh an deasbad seo, agus feumaidh sinne, gu mì-fhortannach, ar n-aire a thoirt bho rudan cudromach agus a bhith an sàs anns an rud a tha seo," thuirt e.