Bùth Ratharsair leis na daoine

  • Air fhoillseachadh
Bùth Ratharsair
Fo-thiotal an deilbh,
'S ann leis a' choimhearsnachd a-nise a tha Bùth Ratharsair.

Tha muinntir Ratharsair a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dhaibh smachd fhaighinn air bùth an eilein.

Fhuair Co-Chomann Bùth Ratharsair sealbh air a' bhùth gu laghail Dimàirt.

Chaidh Bùth Ratharsair fhosgladh an toiseach bho chionn cha-mhòr 60 bliadhna agus tha an gluasad ùr a' ciallachadh nach tèid an goireas a chall dhan choimhearsnachd.

Bha dragh gun dùineadh a' bhùth is an tè leis an robh i aig aois a dreuchd a leigeil dhith.

'S e sin a dh'fhàg gun deach a' choimhearsnachd an sàs is Oifigear Leasachaidh Ratharsair, Lloyd Gudgeon, ag ràdh nach robh roghainn eile aca.

Cuideachadh

Bha aca ri mu £200,000 a thogail is thuirt Mgr Gudgeon gun d'fhuair a' phròiseict cuideachadh bho fhad is farsaing le buidhnean mar Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, An Crannchur Nàiseanta is Maoin Dùthchail a' Phrionnsa a' toirt seachad taic-airgid.

Thàinig airgead cuideachd bho na h-eileanaich fhèin is còrr is 200 neach air earrannan a cheannach sa bhùth.

"'S e as adhbhar gun d'fhuair sinn leithid de thaic, 's e gur e pròiseict cho math a th' ann - pròiseict a dh'fheumas a dhol air adhart," thuirt Mgr Gudgeon.

Cumaidh a' bhùth cosnadh ri ceathrar, am manaidsear Dàibhidh Carslaw nam measg.

"Mur a biodh a' bhùth an seo cha bhiodh e comasach dhan mhòr-chuid againn a bhith a' fuireach ann an Ratharsair.

"A bharrachd air a bhith na goireas cudromach, 's e àite cruinneachaidh a th' ann dha na daoine," thuirt e.

Bha Fionnlagh MacIllinnein e fhèin a' stiùireadh na bùtha fad 25 bliadhna.

Seirbheis

"Ma tha iad 'son a' bhùth a bhith aca, feumaidh iad seirbheis a thoirt dhi.

"Bhiodh an t-àite gu math truagh mur a biodh bùth ann - cha dèanadh duine an gnothach gun bùth air choreigin a bhith ann," thuirt e.

Bithear a-nise a' feuchainn ris a' choimhearsnachd a bhrosnachadh gus taic mhòr a chumail ris a' bhùth.

Tha Co-Chomann Bùth Ratharsair ag ràdh gum feuch iad ri togalach ùr fhaighinn dhan ghoireas ma gheibh iad dearbhadh gu bheil iarrtas ann.

San eadar-ama tha iad air cead-dibhe iarraidh is bheir iad seachad seirbheisean Oifis a' Phùist bhon bhùth ro dheireadh na mìos.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh