An Gearasdan an cunnart a dhol sìos

An Gearasdan. Image copyright SNS
Image caption Bhuannaich An Gearasdan Cupa na Camanachd còig tursan eadar 2005 is 2010, ach tha iad a-nise an impis a dhol sìos bhon Phrìomh Lìog.

Dh'fhaodadh gu bheil am pàrtaidh fhathast a' dol ann am Bail' Ùr an t-Slèibh is Cupa na Camanachd air ais sa bhaile, ach tillidh an sgioba dhan Àird Disathairne ann an geama a tha fìor chudromach aig bonn Prìomh Lìog na h-Iomain.

Tha cruaidh fheum aig a' Ghearasdan air dà phuing an aghaidh a' Bhail' Ùir is iad a' sìor-ruith a-mach à cothroman gus an t-àite aca sa Phrìomh Lìog a ghlèidheadh.

Dh'fhaodadh gu dearbh an sgioba a dhol sìos Disathairne ma chailleas iad agus ma nì Caol Bhòid an gnothach air Gleann Urchadain.

Tha An Gearasdan às aonais Nèill Robasdain agus Steafan Stiùbhairt son a' gheama.

Bidh iad an dòchas gu bheil ceann goirt no dha fhathast am measg sgioba a' Bhail' Ùir is nach bi làn aire aca air a' gheama seo le Cupa na Camanachd agus tiotail na lìge aca mar-thà.

Chan eil e ro choltach ge-tà, gur e sin a thachras is beagan droch-fhaireachdainn eadar na sgiobaidhean seo às dèidh gheamaichean sradagach eatorra anns na mìosan a chaidh.

Duais

Gheibh Am Bail' Ùr duais na lìge ro-làimh is tha am manaidsear, PJ Mac an Tòisich, ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh seusan na lìge a chrìochnachadh gun gheama a chall.

'S e annas a bhios ann ma tha Am Bail' Ùr airson fàbharan sam bith a thoirt seachad ann an Loch Abar - gu dearbh 's ann a tha nas coltaiche gum bi iad airson an sgrath mu dheireadh a thilgeil air uaigh a' Ghearasdain.

Bidh aig Caol Bhòid ris iad fhèin a thogail beagan is Gleann Urchadain a' tighinn a chèilidh orra.

Bha sgioba Thaigh na Bruaich car truagh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd an t-seachdain seo chaidh ach chan eil iad buileach sàbhailte san lìog fhathast.

Bidh Coinneach Dòmhnallach eadar na puist dhaibh is coltas ann nach eil e buileach deiseil fhathast a chaman a chur bhuaithe, a dh'aindeoin aithrisean às dèidh na cuairte deireannaich.

Meadhanan Sòisealta

Gu dearbh 's dòcha gum faic sinn a-rithist fiù 's an ath-sheusan e, is a bhean Mòrag air a dhol air na meadhanan sòisealta an t-seachdain seo 'son innse nach eil Coinneach, a tha 51, air co-dhùnadh a dhèanamh fhathast air dè nì e.

Tha Ceann Loch Seile aig an taigh an aghaidh Inbhir Aora is beagan iomagain orra gum faodadh An Gearasdan fhathast an slaodadh air ais dhan t-strì aig a' bhonn.

'S iad Inbhir Aora cuideachd an aon sgioba sa Phrìomh Lìog air nach do rinn Ceann Loch Seile a' chùis bho ràinig iad an ìre as àirde an-uiridh, brosnachadh a bharrachd do sgioba Johnston Gill.

"Tha sinn airson an geama seo a bhuannachadh, chan eil sinn airson a bhith a' crochadh air na tha a' tachairt sa Ghearasdan," thuirt Johnston.

Tha Inbhir Aora sàbhailte mar-thà, ach tha cothrom aca air an treas àite san lìog is tha teans gun nochd seann ainm às ùr san sgioba son a' gheama.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile