Atharrachadh na ceist

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
refceist_online.

Tha fios againn a-nis gun tèid co-dhiù aon atharrachadh a thoirt air adhart fhad 's a tha buill-phàrlamaid Albannach a' deasbad Bile an Reifrinn.

Dhearbh ball na h-Eaglaise Brice Aonghas MacDhòmhnaill gun dèanadh esan sin gus feuchainn ri àite a choisinn don Ghàidhlig air a' phàipear-bhòtaidh.

'S e moladh an Riaghaltais Albannaich gun cleachdadh a' Bheurla a-mhàin - an t-seachdain a chaidh thuirt an leas-phrìomh mhinistear Nicola Sturgeon gur e sin a b' aithne don luchd-bhòtaidh agus gur e "soilleireachd" an rud as cudromaiche.

Chaidh i às àidhche gun robh an riaghaltas a' dèanamh dìmeas air luchd-labhairt na Gàidhlig.

Ach chuala buill - Mgr MacDhòmhnaill nam measg - ath-chuinge bhon fhear-iomairt Ghàidhlig Iain MacLeòid, a thuirt gun deach pàipear-bhòtaidh aona-chànanach an aghaidh inbhe oifigeal na cànain fo Achd na Gàidhlig 2005.

A-nis bidh aig gach ball ri bhòtadh air a' cheist - agus a' bhòt sin a mhìneachadh.