Riochdairean eileanach cruinn còmhla

  • Air fhoillseachadh
Ar n-Eilanan Ri Teachd
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn ag iarraidh chumhachdan a bharrachd.

Tha riochdairean bho chomhairlean eileanach na h-Alba air cruinneachadh ann an Arcaibh is iad a' deasbad phlanaichean gus tuilleadh chumhachdan fhaighinn dhaibh fhèin às dèidh referendum neo-eisimeileachd na h-Alba.

A bharrachd air riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn, bidh luchd-poileataics eile an làthair cho math ri acadaimigich.

Am measg na th' ann am plana nan comhairlean, tha a bhith a' sgaoileadh chumhachdan bho Oighreachd a' Chrùin do na h-ùghdarrasan eileanach gus smachd a thoirt dhaibh air grunnd na mara agus air a' chladach.

Tha na comhairlean cuideachd ag iarraidh smachd a bharrachd a thaobh chumhachd ath-nuadhachail is còmhdhail, am measg eile.

Stèidhich Riaghaltas na h-Alba buidheann-obrach anns an t-Samhradh 'son meòrachadh an gabhadh cumhachdan a chur sìos dha na ùghdarrasan is tha Riaghaltas Westminster cuideachd air leigeil fhaicinn gu bheil iad deònach coimhead ri cumhachdan a sgaoileadh dha na h-eileanan.

"Eòlaichean"

"Tha sinn gu bhith a' cluintinn bho eòlaichean poileataics agus acadaimigich mu dheidhinn dè a dh'fhaodadh sinn a dhèanamh thairis air a' bhliadhna a tha romhainn airson barrachd chumhachdan, agus 's dòcha barrachd smachd a thoirt dha na h-ùghdarrais ionadail eilanach air gnothaichean a tha a' gabhail buaidh air daoine a tha a' fuireach anns na h-eileanan sin," thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Tha sinn airson is gum bi luchd-gnìomhachais mar phàirt den cho-labhairt a tha seo cuideachd ach an cluinn iadsan dè dh'fhaodadh a bhith comasach is dè dh'fheumadh sinn a dhèanamh airson sin a thoirt gu buil," thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach nach toir a' bhòt san referendum an ath-bhliadhna mòran de bhuaidh air an iomairt.

Tha e ag ràdh gu bheil na h-ùghdarrasan eileanach feumach air cumhachdan a bharrachd as bith ciamar a bhòtas an sluagh air ceist neo-eisimeileachd na h-Alba.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh