Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sgeamaichean Peinsein

Tha Oifis na Malairt Cothromaiche a' tighinn cruaidh air sgeamaichean peinsein nach eil a' toirt luach an airgid seachad. Tha dragh air an OFT mu na cosgaisean a tha an lùib stiùireadh pheinseanan, agus tha iad a' beachdachadh air casg a chur air sin aig 1% gach bliadhna. Agus tha an OFT ag ràdh gu bheil feadhainn de na sgeamaichean peinsein cho toinnte agus gu bheil e doirbh do luchd-obrach agus do chompanaidhean an taghadh ceart a dhèanamh.

Cìs nan Seòmraichean-Cadail

Tha dà sgrùdadh a' cumail a-mach gu bheil còrr is an cairteal cuid air an tug atharrachadh ann an sochairean taigheadais buaidh air tuiteam air dheireadh le pàigheadh am màil. Tha an Riaghaltas ann an Westminster ag ràdh nach mair an suidheachadh sin ro fhada, oir gu bheil daoine fhathast a' fàs cleachdte ris a' phoileasaidh ùr. 'S e Cìs nan Seòmraichean-Cadail a tha feadhainn a tha a' càineadh poileasaidh an Riaghltais a' toirt air an atharrachadh.

Siria

Thuirt Ceann-Suidhe Siria, Bashar al Assad, a-rithist, gu bheil e leigte ris a' phlana airson cur às dhan armachd cheimigich aige. Thuirt esan ris a' bhuidhinn-naidheachd Aimeireaganaich Fox News gu bheil e a' deasbad clàr-ama agus cosgais na h-obrach sin.

Ar n-Eileanan ri Teachd

Tha riochdairean bho chomhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn ann an Arcaibh an-diugh aig co-labhairt air na tuilleadh chumhachdan a tha na h-ùghdarrasan eileanach ag iarraidh an dèidh referendum neo-eisimeileachd na h-Alba an ath-bhliadhna ge b'e dè an taobh a thèid a' bhòt. Tha luchd-poileataics, luchd-gnothaich agus eòlaichean acadaimigeach ann cuideachd. Chuir Riaghaltas na h-Alba buidheann-obrach air bhonn san Iuchair air a' chùis, agus thuirt an Riaghaltas ann an Westminster on uair sin gum beachdaich iad cuideachd air tuilleadh chumhachdan a thoirt dha na comhairlean eileanach.

An A96

Thuirt a' Chomhairle airson Leasachaidh agus Gnìomhachais gum biodh e na bhrosnachadh mòr do dh'eaconamaidh a' chinn a tuath gu lèir nan deadh rathad an A96 air fad eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain a leudachadh gu ìre dà-fhillte. Rinn an SCDI sgrùdadh air an A96, agus air an A9 do bhuidhinn chòmhdhail an Riaghaltais, Còmhdhail na h-Alba. Thuirt an SCDI nach eil a' mhòr-chuid den luchd-gnothaich anns a' cheann a tuath a' faireachadh idir gu bheil iad sàbhailte nuair a tha iad a' dràibheadh air an dà rathad a tha sin.

Co-labhairt Croitearachd

Tha co-labhairt bhliadhnail Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh an-diugh. Bidh a' cho-labhairt a' coimhead, am measg rudan eile, air tuilleadh feum a dhèanamh de thalamh ionaltraidh a' chùl-chinn, clàradh chroitean, agus cumhachd ath-nuadhachail.

Tubaist

Chaidh cobhair a dhèanamh air seann duine ann an Inbhir Nis an dèidh dhan chàr aige a dhol a dh'Abhainn Nis anns a' mhadainn an-diugh. Thug luchd-smàlaidh an duine a-mach às an uisge an dèidh na tubaiste air Barraid Àird Rois mu 10:00m.