Draghan gnothachais mun A9 's an A96
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-gnothachais den bheachd nach eil an A9 agus an A96 sàbhailte, agus gu bheil e a' toirt tuilleadh is fada a bhith a' siubhail orra, a rèir rannsachaidh ùir.
Rinn Comhairle an Leasachaidh 's a' Ghnothachais (SCDI) suirbhidh air 210 gnothachas às leth Còmhdhail Alba.
Bha 70% de na daoine ris an do bhruidhinn iad den bheachd gun robh an A9 "truagh no gu math truagh" a thaobh sàbhailteachd.
Bha eadar 60% agus 77% ag ràdh an aon rud mun A96.
Thathas a' coimhead ris an dà phrìomh-rathad a leasachadh.
Tha dùil gum bi an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt air a dhùbladh air fad ro 2025, agus gun cosg an obair sin £3bn.
Bu chòir cuideachd gum bi an A96 dùbailte fad na slighe eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain ro 2030.
Tha luchd-iomairt ag iarraidh an obair air an A9 a thoirt air adhart, ri linn na tha de thubaistean bàsmhor air an rathad.
Thuirt gnothachasan gun toireadh leasachadh air an dà rathad buannachd mhòr do dh'eaconamaidh a' chinn a tuath gu lèir.