Càr ann an Abhainn Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh an càr a-steach gu Abhainn Nis mu 10:00m Diardaoin.
Chaidh cobhair a dhèanamh air duine às dèidh mar a chaidh an càr aige gu Abhainn Nis ann am meadhan Inbhir Nis.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na h-aibhne dìreach às dèidh 10:00m.
Tha e coltach gun deach an càr far an rathaid air Sràid Àird Rois is gun do bhrist e tro fheansa mheatailt, mus deach e sìos bruach na h-aibhne.
Bha aig luchd-smàlaidh ris an duine a shaoradh bhon chàr.
Chaidh a thoirt dhan ospadal ach tha e coltach nach eil e air a dhroch ghoirteachadh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh