Comhairle gan càineadh mu chuimhneachain chogaidh
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd gan càineadh airson aonta a bhriseadh gum biodh a h-uile cuimhneachan cogaidh san sgìre air a sgeadachadh.
Bha a' Chomhairle air a ràdh gun tachradh sin ro mheadhan an t-Samhraidh an ath-bhliadhna, nuair a bhithear a' comharrachadh 100 bliadhna bho thòisich an Cogadh Mòr.
Thuirt Pròbhost Loch Abair, Ailean MacEanraig, nach gabhte ris nach cumadh an t-ùghdarras ionadail ri a ghealladh.
Dh'iarr e gun deadh maoineachadh a bharrachd a chur air adhart a dhèanamh cinnteach gun tachradh an obair.
Ach dhiùlt Ceannard na Comhairle, Drew Hendry, gabhail ris an iarrtas, agus chàin e Mgr MacEanraig, ag ràdh gun robh e a' feuchainn ri cùis phoileataiceach a dhèanamh den ghnothach.
Dh'aontaich Comhairlichean ri clàr-ama ùr airson na h-obrach, agus fhuair iad gealltannas gun deadh an obair-càraidh a dhèanamh thar an ath bheagan bhliadhnaichean, às dèidh co-chomhairleachaidh le coimhearsnachdan ionadail.